Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 10:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tha gach uile shagart a’ seasamh gach là, a’ frithealadh agus a’ toirt suas nan ìobairt ceudna gu minig, nithean do nach eil e an comas a‑chaoidh peacaidhean a thoirt air falbh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus bheir thu seachad gach là tarbh òg mar thabhartas-peacaidh, a‑chum rèite: agus glanaidh tu an altair, nuair a nì thu rèite air a son, agus ungaidh tu i a‑chum a naomhachadh.

Ciod e lìonmhorachd ur n‑ìobairtean dhòmhsa? deir an Tighearna: tha mi làn de thabhartasan-loisgte reitheachan, agus de shaill bheathaichean biadhte; ach ann am fuil tharbh, agus uan, agus bhoc ghoibhre, chan eil mo thlachd.

Bidh a’ chuid seo den fhearann naomh do na sagartan, luchd-frithealaidh an ionaid naoimh, a thig dlùth a‑chum frithealadh don Tighearna; agus bidh e na ionad airson an taighean, agus na àite naomh airson an naomh-ionaid.

Agus seasaidh làmhan air a thaobh, agus truaillidh iad naomh-ionad an neirt, agus bheir iad air falbh an ìobairt làitheil, agus suidhichidh iad a’ ghràinealachd a chuireas fàs.

Agus on àm anns an toirear air falbh an ìobairt làitheil, agus an cuirear suas a’ ghràinealachd a nì lèirsgrios, bidh mìle, dà cheud, ceithir-fichead agus deich làithean.

Seadh, rinn i uaill aisde fhèin an aghaidh prionnsa an fheachd, agus leatha thugadh air falbh an ìobairt làitheil, agus bha àite a naomh-ionaid air a thilgeadh sìos.

Seadh, am feadh a bha mi a’ labhairt ann an ùrnaigh, an neach ceudna a chunnaic mi anns an aisling air tùs, Gabriel air an tugadh itealaich gu luath, bhean e rium, mu àm na h‑ìobairt-fheasgair:

Agus daingnichidh esan an coicheangal ri mòran car aon seachdain: agus ann am meadhon na seachdain bheir e air an ìobairt agus air an tabhartas sgur; agus anns an teampall bidh gràinealachd an lèirsgrios, gus an coileanar an sgrios a dh’òrdaicheadh air a làraich fhàsail.

Ciod leis an tig mi ann am fianais an Tighearna; leis an strìochd mi mi fhèin an làthair an Dè as àirde? An tig mi na fhianais le ìobairtean-loisgte; le laoigh a bhios bliadhna a dh’aois?

Mar seo bheir sibh seachad gach là air feadh nan seachd làithean biadh na h‑ìobairt a bheirear suas le teine, a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna: bheirear seachad e a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-dibhe.

Agus their thu riu, Is e seo an tabhartas a bheirear suas le teine, a bheir sibh seachad don Tighearna; dà uan den chiad bhliadhna gun ghaoid gach là, a‑chum ìobairt-loisgte ghnàthaichte.

A thuilleadh air ìobairt-loisgte a’ mhìosa, agus a tabhartas-bìdh, agus an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe, a rèir an gnàtha, a‑chum fàile chùbhraidh, ìobairt a bheirear suas le teine don Tighearna.

Uime sin, air a bhith aig an lagh sgàil nithean matha ri teachd, agus chan e fìor-choslas nan nithean fhèin, chan eil e comasach dha an dream a thig da ionnsaigh a‑chaoidh a dhèanamh coileanta leis na h‑ìobairtean sin a bha iad a’ toirt suas o bhliadhna gu bliadhna a‑ghnàth:

Oir chan eil e an comas gun tugadh fuil tharbh agus ghobhar peacaidhean air falbh.

Oir tha gach uile àrd-shagart, air a thoirt o mheasg dhaoine, air òrdachadh airson dhaoine ann an nithean a‑thaobh Dhè, a‑chum gun toir e suas araon tìodhlacan agus ìobairtean airson pheacaidhean:

Nach feum gach là mar na h‑àrd-shagartan ud ìobairtean a thoirt suas, air tùs airson a pheacaidhean fhèin, agus an dèidh sin airson peacaidhean an t‑sluaigh: oir rinn e seo aon uair, anns an àm anns an tug e e fhèin mar ìobairt.

Ministear an ionaid naoimh, agus an fhìor phàillein, a shuidhich an Tighearna, agus cha b’e duine.

Oir nam biodh e air thalamh, cha bhitheadh e na shagart, do bhrìgh gu bheil sagartan ann a tha a’ tabhairt suas thìodhlac a rèir an lagha:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan