Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 10:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Leis an toil seo tha sinne air ar naomhachadh, tre toirt suas corp Iosa Crìosd aon uair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

Anns an là sin bidh tobar air fhosgladh do thaigh Dhaibhidh, agus do luchd-àiteachaidh Ierusaleim, airson peacaidh agus airson neòghlaine.

Agus air an son-san tha mise gam naomhachadh fhèin, a‑chum gum bi iadsan mar an ceudna air an naomhachadh tron fhìrinn.

Ach lot fear de na saighdearan a thaobh le sleagh, agus air ball thàinig a‑mach fuil agus uisge.

Is mise an t‑aran beò, a thàinig a‑nuas o nèamh: ma dh’itheas neach air bith den aran seo, bidh e beò gu sìorraidh: agus an t‑aran a bheir mise uam, is e m’fheòil e, a bheir mi airson beatha an t‑saoghail.

Ach uaithesan tha sibhse ann an Iosa Crìosd, neach a rinneadh dhuinne le Dia na ghliocas, na fhìreantachd, na naomhachadh, agus na shaorsa:

Agus mar seo bha cuid dhibhse: ach tha sibh air ur n‑ionnlad; ach tha sibh air ur naomhachadh; ach tha sibh air ur fìreanachadh ann an ainm an Tighearna Iosa, agus tre Spiorad ar Dè‑ne.

Agus gluaisibh ann an gràdh, eadhon mar a ghràdhaich Crìosd sinne, agus a thug e e fhèin air ar son, na thabhartas agus na ìobairt deagh-fhàile do Dhia.

A‑chum gun naomhaicheadh agus gun glanadh e i le ionnlad an uisge tre an fhacal;

Ach an duine seo, an dèidh dha aon ìobairt a thoirt suas airson peacaidh, shuidh e a‑chaoidh tuilleadh air deaslàimh Dhè:

Oir le aon ìobairt rinn e a‑chaoidh foirfe iadsan a tha air an naomhachadh.

Air slighe nuaidh agus bheò a choisrig e dhuinne, tre an roinn-bhrat, is sin ri ràdh, tre a fheòil fhèin:

Cia mòr as mò na sin am peanas a shaoileas sibh air am measar esan toillteanach, a shaltair fo a chasan Mac Dhè, agus a mheas mar nì mì‑naomh fuil a’ choicheangail, leis an do naomhaicheadh e, agus a rinn tarcais air Spiorad nan gràs?

Uime sin a’ teachd dha don t‑saoghal, tha e ag ràdh, Ìobairt agus tabhartas cha b’àill leat, ach dh’ullaich thu corp dhòmhsa:

Uime sin a‑chum gun dèanadh Iosa an sluagh a naomhachadh le a fhuil fhèin, dh’fhuiling e mar an ceudna an taobh a‑muigh den gheata.

Oir tha araon an tì a naomhaicheas, agus iadsan a naomhaichear, uile o aon: air an adhbhar sin cha nàir leis bràithrean a ghairm dhiubh,

Uime sin, a mheud is gu bheil aig a’ chloinn co‑roinn de fheòil agus de fhuil, ghabh esan mar an ceudna roinn dhiubh sin; a‑chum tre an bhàs gun claoidheadh e esan aig a bheil cumhachd a’ bhàis, is e sin an diabhal;

Neach ann an làithean a fheòla, an dèidh dha ùrnaighean agus athchuingean, maille ri àrd-èighich agus deòir, ìobradh suas don tì a bha comasach air a shaoradh on bhàs, agus ris an d’èisdeadh a‑thaobh an nì ron robh eagal air.

Nach feum gach là mar na h‑àrd-shagartan ud ìobairtean a thoirt suas, air tùs airson a pheacaidhean fhèin, agus an dèidh sin airson peacaidhean an t‑sluaigh: oir rinn e seo aon uair, anns an àm anns an tug e e fhèin mar ìobairt.

Agus cha b’ann tre fhuil ghobhar agus laogh, ach tre a fhuil fhèin a chaidh e a‑steach aon uair don ionad naomh, air dha saorsa shìorraidh fhaotainn dhuinne.

Cia mòr as mò a nì fuil Chrìosd, a thug e fhèin suas tre an Spiorad shìorraidh gun lochd do Dhia, ur cogais-se a ghlanadh o obraichean marbha a‑chum seirbhis a dhèanamh don Dia bheò?

(Oir mar sin b’èiginn gum fuilingeadh e gu minig o thoiseach an t‑saoghail); ach a‑nis dh’fhoillsicheadh e aon uair ann an deireadh an t‑saoghail, a‑chum peacadh a chur air cùl trìd e fhèin ìobradh.

Mar sin thugadh Crìosd suas aon uair a thoirt air falbh peacaidhean mhòran; ach an dara uair as eugmhais peacaidh foillsichear e dhaibh-san aig a bheil sùil ris, a‑chum slàinte.

Neach a ghiùlain ar peacaidhean e fhèin na chorp fhèin air a’ chrann, a‑chum air dhuinn a bhith marbh don pheacadh, gum bitheamaid beò do fhìreantachd: neach le a bhuillean a tha sibh air ur tèarnadh.

Oir dh’fhuiling Crìosd fhèin aon uair airson pheacaidhean, am fìrean airson nan neo-fhìrean (a‑chum gun tugadh e sinne gu Dia), air dha a bhith air a chur gu bàs anns an fheòil, ach air a bheothachadh tre an Spiorad.

Is e seo esan a thàinig tre uisge agus tre fhuil, Iosa Crìosd; chan ann tre uisge a‑mhàin, ach tre uisge agus fuil: agus is e an Spiorad a nì fianais, do bhrìgh gur fìrinn an Spiorad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan