Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 1:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach ris a’ Mhac tha e ag ràdh, Tha do rìgh-chathair, a Dhè, gu saoghal nan saoghal; is slat-rìoghail ro‑chothromach slat do rìoghachd-sa:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

33 Iomraidhean Croise  

Thubhairt Dia Israeil, labhair carraig Israeil riumsa: Bidh esan a riaghlas os cionn dhaoine cearta a’ riaghladh ann an eagal Dhè:

Is rìoghachd shìorraidh do rìoghachd-sa, agus mairidh d’uachdaranachd air feadh nan uile ghinealach.

Na làithean-san soirbhichidh leis an fhìrean, agus bidh pailteas sìth ann, gus nach bi a’ ghealach ann nas mò.

Agus is toigh leis an Rìgh chumhachdach breitheanas; is tu a shocraicheas a’ chòir; nì thusa breitheanas agus ceartas ann an Iàcob.

Anns an Tighearna fìreanaichear uile shliochd Israeil, agus nì iad uaill.

Air an adhbhar sin, bheir an Tighearna fhèin comharradh dhuibh; Feuch, bidh òigh torrach, agus beiridh i mac; agus bheir i Imanuel mar ainm air.

Agus thubhairt Ieremiah ri Sedeciah, Ma dh’innseas mi dhut, nach dèan thu gu cinnteach mo chur gu bàs? Agus ma bheir mi comhairle ort, an èisd thu rium?

Ach air taigh Iùdah nì mi tròcair, agus tèarnaidh mi iad leis an Tighearna an Dia, agus chan ann le bogha no le claidheamh a thèarnas mi iad, no le cath, no le eich, no le marcaich.

Agus bheir mise an treas trian tron teine, agus glanaidh mi iad mar a ghlanar an t‑airgead, agus dearbhaidh mi iad mar a dhearbhar an t‑òr; gairmidh iad air m’ainm-sa, agus èisdidh mise riu; their mi, Is iad mo shluagh; agus their iadsan, Is e an Tighearna mo Dhia.

Dèan gàirdeachas gu mòr, O nighean Shioin; tog iolach, O nighean Ierusaleim: feuch, tha do rìgh a’ teachd ad ionnsaigh; is Fìrean agus is Slànaighear e; iriosal, agus a’ marcachd air asail, agus air searrach, mac na h‑asail.

Feuch, cuiridh mise a‑mach mo theachdaire, agus ullaichidh e an t‑slighe romham; agus thig an Tighearna a tha sibh ag iarraidh gu a theampall gu grad; eadhon teachdaire a’ choicheangail, anns a bheil ur tlachd; feuch thig esan, deir Tighearna nan sluagh.

Feuch, bidh maighdeann torrach, agus beiridh i mac, agus bheir iad Emanuel mar ainm air, is ionnan sin ri ràdh, air eadar-theangachadh, Dia maille rinn.)

Ann an naomhachd agus ann am fìreantachd na làthair fhèin uile làithean ar beatha.

Mise agus an t‑Athair, is aon sinn.

Fhreagair na h‑Iùdhaich e, ag ràdh, Airson obraichean matha chan eil sinn gad chlachadh; ach airson toibheim, agus airson, air a bhith dhutsa ad dhuine, gu bheil thu a’ dèanamh Dè dhìot fhèin.

Agus fhreagair Tòmas, agus thubhairt e ris, Mo Thighearna agus mo Dhia.

Dom buin na h‑athraichean, agus o a bheil Crìosd a‑thaobh na feòla, neach as e Dia os cionn nan uile, beannaichte gu sìorraidh. Amen.

Oir is èiginn gun rìoghaich e gus an cuir e a naimhdean uile fo a chasan.

A‑mhàin gu fearann chloinn Amoin cha tàinig thu, no gu àite sam bith am fagas do shruth Iaboic, no gus na bailtean am measg nam beann, no gu àite sam bith a thoirmisg an Tighearna ar Dia dhuinn.

Bidh tu beannaichte os cionn gach sluaigh; cha bhi fireann no boireann neo-thorrach nur measg, no am measg ur sprèidhe.

Agus gun amharas is mòr rùn-diamhair na diadhachd: dh’fhoillsicheadh Dia anns an fheòil, dh’fhìreanaicheadh e anns an Spiorad, chunnacas le ainglean e, shearmonaicheadh e do na Cinnich, chreideadh ann air an t‑saoghal, ghabhadh suas e a‑chum glòire.

Oir mar sin fritheilear gu pailt dhuibh slighe a‑steach do rìoghachd shìorraidh ar Tighearna agus ar Slànaighir, Iosa Crìosd.

Agus tha fhios againn gun tàinig Mac Dhè, agus gun tug e tuigse dhuinn, a‑chum gum biodh aithne againn airsan a tha fìor: agus tha sinne annsan a tha fìor, na Mhac Iosa Crìosd. Is e seo an Dia fìor, agus a’ bheatha mhaireannach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan