Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 1:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a‑rìs, nuair a tha e a’ tabhairt a’ chiad-ghin a‑steach don t‑saoghal, tha e ag ràdh, Agus dèanadh uile aingil Dhè adhradh dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Bidh amhluadh orrasan uile a nì seirbhis do dhealbhan snaidhte, a nì uaill à iodhalan; sleuchdaibh dha, a dhiathan uile.

Agus bidh soisgeul seo na rìoghachd air a shearmonachadh air feadh an domhain uile, mar fhianais do na h‑uile chinnich: agus an sin thig a’ chrìoch.

Agus rinneadh am Facal na fheòil, agus ghabh e còmhnaidh nar measg-ne (agus chunnaic sinn a ghlòir, mar ghlòir aon-ghin Mhic an Athar), làn gràis agus fìrinn.

Chan fhaca neach air bith Dia riamh; an t‑aon-ghin Mic, a tha ann an uchd an Athar, is esan a dh’fhoillsich e.

Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun tug e a aon-ghin Mhic fhèin, a‑chum is ge bè neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a’ bheatha shìorraidh aige.

Oir an dream a ro‑aithnich e, ro‑òrdaich e iad mar an ceudna a‑chum a bhith co‑chosmhail ri ìomhaigh a Mhic, a‑chum gum biodh esan na chiad-ghin am measg mòran bhràithrean.

Dèanaibh gàirdeachas, O chinnich, maille ra shluagh-san: oir dìolaidh e fuil a sheirbhiseach, agus nì e dìoghaltas air a eascairdean, agus bidh e tròcaireach da thìr, agus da shluagh fhèin.

Neach as e ìomhaigh an Dè neo-fhaicsinnich, ciad-ghin a’ chruthachaidh uile:

Agus is e ceann a’ chuirp, eadhon na h‑eaglais: neach as e an toiseach, an ciad-ghin o na mairbh; a‑chum gum biodh aige àrd-cheannas anns na h‑uile.

Oir cò de na h‑aingil ris an dubhairt e uair air bith, Is tu mo Mhac-sa, an‑diugh ghin mi thu? Agus a‑rìs, Bidh mise am Athair dhàsan, agus bidh esan na Mhac dhòmhsa?

Uime sin a’ teachd dha don t‑saoghal, tha e ag ràdh, Ìobairt agus tabhartas cha b’àill leat, ach dh’ullaich thu corp dhòmhsa:

Neach air dha dol do nèamh, a tha air deaslàimh Dhè, air do ainglean, agus do uachdaranachdan, agus do chumhachdan a bhith air an cur fo a cheannsal.

An seo dh’fhoillsicheadh gràdh Dhè dhuinne, do bhrìgh gun do chuir Dia a aon-ghin Mhic don t‑saoghal, a‑chum gum bitheamaid beò trìdsan.

Agus o Iosa Crìosd, an fhianais fhìor, an ciad-ghin o na mairbh, agus uachdaran rìghrean na talmhainn: dhàsan a ghràdhaich sinn, agus a dh’ionnlaid sinn o ar peacaidhean na fhuil fhèin,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan