Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 1:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir cò de na h‑aingil ris an dubhairt e uair air bith, Is tu mo Mhac-sa, an‑diugh ghin mi thu? Agus a‑rìs, Bidh mise am Athair dhàsan, agus bidh esan na Mhac dhòmhsa?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Bidh mi am athair aigesan, agus bidh esan na mhac agamsa: ma nì e aingidheachd, smachdaichidh mi e le slait dhaoine, agus le buillean clann nan daoine:

Bidh mi am athair dha, agus bidh esan na mhac dhòmhsa, agus cha toir mi mo thròcair air falbh uaithe, mar a thug mi uaithesan a bha romhadsa.

Togaidh esan taigh dom ainm-sa; agus bidh e na mhac dhomh, agus bidh mise am athair dhàsan: agus daingnichidh mi rìgh-chathair a rìoghachd os cionn Israeil gu bràth.

Agus thubhairt e riu, Togaidh Solamh do mhac mo thaigh-sa agus mo lùchairtean; oir thagh mi e gu bhith na mhac agam, agus bidh mise ann am athair aigesan.

Cuiridh mi an cèill òrdagh an Tighearna: thubhairt e rium, Is tu mo mhac-sa; an‑diugh ghin mi thu.

Gun do choilean Dia seo dhuinne an clann, air dha Iosa a thogail suas; mar a tha e sgrìobhte mar an ceudna anns an dara Salm, Is tu mo Mhac-sa, an‑diugh ghin mi thu.

Is amhail sin, cha do ghlòraich Crìosd e fhèin, gu bhith air a dhèanamh na Ard-shagart; ach an tì a thubhairt ris, Is tu mo Mhac, an‑diugh ghin mi thu.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan