Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 1:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Neach air a bhith dha na dhealradh a ghlòire-san, agus na fhìor ìomhaigh a phearsa, agus a’ cumail suas nan uile nithean le facal a chumhachd, nuair a ghlan e ar peacaidhean troimhe fhèin, shuidh e air deas-làimh na mòrachd anns na h‑àrdan:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

42 Iomraidhean Croise  

Is leatsa, O Thighearna, a’ mhòrachd, agus an cumhachd, agus a’ ghlòir, agus a’ bhuaidh, agus a’ mhòralachd; oir is leat na h‑uile a tha air nèamh agus air talamh: is leat an rìoghachd, O Thighearna, agus tha thu air d’àrdachadh mar cheann thar nan uile.

As an àird a tuath thig soineann: aig Dia tha mòrachd uamhasach.

Thubhairt an Tighearna rim Thighearna, Suidh aig mo dheaslàimh, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl fod chasan.

Sgaoileadh an tìr agus a luchd-àiteachaidh gu lèir; cumaidh mise suas a puist. Selah.

Far a bheil facal rìgh, tha cumhachd; agus cò a dh’fhaodas a ràdh ris, Ciod e sin a tha thu a’ dèanamh?

Agus ìobraidh an sagart iad, aon dhiubh mar ìobairt-pheacaidh, agus an t‑aon eile mar ìobairt-loisgte; agus nì an sagart rèite air a shon an làthair an Tighearna a‑thaobh a shiltich.

Agus seasaidh e, agus ionaltraidh e a threud ann an neart an Tighearna; ann am mòrachd ainm an Tighearna a Dhia; agus bidh iadsan air an iompachadh: oir a‑nis bidh esan mòr gu ruig crìochan na talmhainn.

Ag ràdh, A Mhaighistir, thubhairt Maois, Ma gheibh duine bàs gun chlann aige, gur còir da bhràthair a bhean-san a phòsadh de dhlighe dàimhe, agus sliochd a thogail da bhràthair.

Mar sin, an dèidh don Tighearna labhairt riu, ghabhadh suas gu nèamh e, agus shuidh e air deas-làimh Dhè.

Agus rinneadh am Facal na fheòil, agus ghabh e còmhnaidh nar measg-ne (agus chunnaic sinn a ghlòir, mar ghlòir aon-ghin Mhic an Athar), làn gràis agus fìrinn.

Air an là màireach chunnaic Eòin Iosa a’ teachd da ionnsaigh, agus thubhairt e, Feuch Uan Dhè, a tha a’ toirt air falbh peacadh an t‑saoghail!

Annsan bha beatha, agus b’i a’ bheatha solas dhaoine.

Uime sin, air dha a bhith air àrdachadh le deaslàimh Dhè, agus gealladh an Spioraid Naoimh fhaotainn on Athair, dhòirt e a‑mach an nì seo, a tha sibhse a‑nis a’ faicinn agus a’ cluinntinn.

Agus thubhairt e, Feuch, tha mi a’ faicinn nan nèamh fosgailte, agus Mac an Duine na sheasamh air deaslàimh Dhè.

Oir cha nàir leamsa soisgeul Chrìosd: oir is e cumhachd Dhè e a‑chum slàinte do gach neach a chreideas, don Iùdhach air tùs, agus mar an ceudna don Ghreugach.

Cò a dhìteas? Is e Crìosd a fhuair bàs, seadh tuilleadh fòs, a dh’èirich a‑rìs, agus a tha air deaslàimh Dhè, neach a tha mar an ceudna a’ dèanamh eadar-ghuidhe air ar son.

Anns an do dhall dia an t‑saoghail seo inntinn na dream nach eil nan creidmhich, air eagal gun dealraicheadh orra solas soisgeul glòrmhor Chrìosd, neach as e ìomhaigh Dhè.

Uime sin ma dh’èirich sibh maille ri Crìosd, iarraibh na nithean a tha shuas, far a bheil Crìosd na shuidhe aig deaslàimh Dhè.

A thug e fhèin air ar son, a‑chum gun saoradh e sinn o gach aingidheachd, agus gun glanadh e dha fhèin sluagh sònraichte, eudmhor mu dheagh obraichean.

Ach cò de na h‑ainglean ris an dubhairt e uair air bith, Suidh air mo dheaslàimh, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl-chas fod chasan?

Ach an duine seo, an dèidh dha aon ìobairt a thoirt suas airson peacaidh, shuidh e a‑chaoidh tuilleadh air deaslàimh Dhè:

Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.

Do bhrìgh uime sin gu bheil againn Ard-shagart mòr, a chaidh a‑steach do na nèamhan, Iosa Mac Dhè, cumamaid gu daingeann ar n‑aidmheil.

Nach feum gach là mar na h‑àrd-shagartan ud ìobairtean a thoirt suas, air tùs airson a pheacaidhean fhèin, agus an dèidh sin airson peacaidhean an t‑sluaigh: oir rinn e seo aon uair, anns an àm anns an tug e e fhèin mar ìobairt.

A‑nis is e seo suim nan nithean a labhair sinn: tha a shamhail sin de Àrd-shagart againn, a tha a’ suidhe air deis rìgh-chathair na mòrachd anns na nèamhan;

Oir far a bheil tiomnadh, is èiginn bàs an tiomnaidhir a bhith ann mar an ceudna.

(Oir mar sin b’èiginn gum fuilingeadh e gu minig o thoiseach an t‑saoghail); ach a‑nis dh’fhoillsicheadh e aon uair ann an deireadh an t‑saoghail, a‑chum peacadh a chur air cùl trìd e fhèin ìobradh.

Muinntir trìdsan a tha a’ creidsinn ann an Dia a thog esan o na mairbh, agus a thug glòir dha, a‑chum gum biodh ur creideamh agus ur muinghinn ann an Dia.

Neach air dha dol do nèamh, a tha air deaslàimh Dhè, air do ainglean, agus do uachdaranachdan, agus do chumhachdan a bhith air an cur fo a cheannsal.

Oir cha do lean sinne faoin-sgeulachdan a dhealbhadh gu h‑innleachdach, nuair a chuir sinn an cèill dhuibh cumhachd agus teachd ar Tighearna Iosa Crìosd, ach rinneadh sinn nar sùil-fhianaisean air a mhòrachd-san.

Oir fhuair e o Dhia an t‑Athair urram agus glòir, nuair a thàinig a shamhail seo de ghuth da ionnsaigh on ghlòir òirdheirc, Is e seo mo Mhac gràdhach-sa, anns a bheil mo mhòr-thlachd.

Ach ma ghluaiseas sinn anns an t‑solas, mar a tha esan anns an t‑solas, tha comann againn ri chèile, agus glanaidh fuil Iosa Crìosd a Mhac sinn o gach uile pheacadh.

Agus tha fhios agaibh gun d’fhoillsicheadh esan a‑chum ar peacaidhean a thoirt air falbh; agus chan eil peacadh sam bith annsan.

Don Dia a tha a‑mhàin glic, ar Slànaighear, gu robh glòir agus mòralachd, neart agus cumhachd, a‑nis agus air feadh nan uile linn. Amen.

Don tì a bhuadhaicheas bheir mi comas suidhe maille riumsa air mo rìgh-chathair, amhail fòs a bhuadhaich mise, agus a shuidh mi maille rim Athair air a rìgh-chathair-san.

Is airidh thusa, a Thighearna, air glòir, agus urram, agus cumhachd fhaotainn; oir chruthaich thu na h‑uile nithean, agus airson do thoile-sa tha iad ann, agus chruthaicheadh iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan