Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 1:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Labhair e anns na làithean deireannach seo rinne le a Mhac, a dh’òrdaich e na oighre air na h‑uile nithean, tre an do chruthaich e fòs na saoghail;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

70 Iomraidhean Croise  

Agus ghairm Iàcob air a mhic, agus thubhairt e, Cruinnichibh sibh fhèin an ceann a chèile, a‑chum is gun innis mi dhuibh ciod a thàrlas dhuibh anns na làithean deireannach.

Tàrlaidh anns na làithean deireannach gum bi sliabh taigh an Tighearna air a dhaingneachadh air mullach nan slèibhtean; agus àrdaichear e os cionn nam beann; agus sruthaidh na h‑uile chinnich da ionnsaigh.

Mar seo deir an Tighearna, d’fhear-saoraidh, agus esan a dhealbh thu on bhroinn: Is mise an Tighearna, cruithear nan uile nithean; a tha a’ sìneadh nan nèamhan a‑mach am aonar; a tha a’ sgaoileadh na talmhainn leam fhèin;

Is mise a rinn an talamh, agus chruthaich mi an duine air; is iad mo làmhan a shìn a‑mach na nèamhan; agus dom feachd uile thug mi àithne.

Oir mar seo deir an Tighearna, a chruthaich na nèamhan; esan, eadhon Dia, a dhealbh an talamh agus a rinn e, esan a dhaingnich e (cha do chruthaich e gu dìomhain e, dhealbh e e gu bhith air àiteachadh): Is mise an Tighearna, agus chan eil atharrachadh ann.

Cha till dian-chorraich an Tighearna air a h‑ais, gus an dèan, agus gus an coilean e, rùn a chridhe: anns na làithean deireannach bheir sibh seo fa‑near.

Gidheadh bheir mise air a h‑ais bruid Mhòaib anns na làithean deireannach, deir an Tighearna. An fhad seo breitheanas Mhòaib.

Agus thig thu a‑nìos an aghaidh mo shluaigh-sa Israel, mar neul a dh’fhalach an fhearainn; tàrlaidh e anns na làithean deireannach, agus bheir mise thu an aghaidh m’fhearainn, a‑chum gun aithnich na cinnich mi, nuair a bhios mi air mo naomhachadh annadsa, O Ghog, fa chomhair an sùl.

A‑nis tha mi air teachd a thoirt ort a thuigsinn ciod a thachras dod shluagh anns na làithean deireannach: oir tha an sealladh fhathast rè mòran làithean.

Ach tha Dia ann an nèamh a dh’fhoillsicheas nithean diamhair, agus a tha a’ toirt fios do Nebuchadnesar ciod a thachras anns na làithean deireannach. Do bhruadar, agus aislingean do chinn air do leabaidh, is iad seo iad:

Na dhèidh sin tillidh clann Israeil, agus iarraidh iad an Tighearna an Dia, agus Daibhidh an rìgh; agus bidh eagal an Tighearna agus a mhaitheis orra anns na làithean deireannach.

Ach tàrlaidh anns na làithean deireannach gum bi sliabh taigh an Tighearna air a dhaingneachadh air mullach nan sliabh, agus àrdaichear e os cionn nam beann; agus sruthaidh na slòigh da ionnsaigh.

Agus a‑nis, feuch, tha mi a’ dol a dh’ionnsaigh mo dhaoine fhèin: thig uime sin, bheir mi rabhadh dhut, ciod a nì an sluagh seo air do shluagh-sa anns na làithean deireannach.

Is e an nàmhaid a chuir iad an diabhal: is e am fogharadh deireadh an t‑saoghail: agus is iad na buanaichean na h‑aingil.

Air dha a bhith fhathast a’ labhairt, feuch, thilg neul soillseach sgàil orra: agus, feuch, guth as an neul, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd: èisdibh ris.

Ach nuair a chunnaic an tuath am mac, thubhairt iad eatorra fhèin, Is e seo an t‑oighre; thigibh, marbhamaid e, agus glacamaid a oighreachd-san dhuinn fhèin.

Ach dh’fhan Iosa na thosd. Agus fhreagair an t‑àrd-shagart agus thubhairt e ris, Tha mi gad mhionnachadh air an Dia bheò gun innseadh tu dhuinn an tu Crìosd, Mac Dhè.

Agus thàinig Iosa, agus labhair e riu, ag ràdh, Thugadh dhòmhsa gach uile chumhachd air nèamh agus air talamh.

Agus, feuch, guth o nèamh, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd.

Toiseach soisgeul Iosa Crìosd, Mac Dhè:

Fhathast uime sin, air dha aon mhac a bhith aige, a b’ionmhainn leis, chuir e esan mar an ceudna fa‑dheòidh dan ionnsaigh, ag ràdh, Bheir iad urram dom mhac.

Ach thubhairt an tuath sin nam measg fhèin, Is e seo an t‑oighre; thigibh, marbhamaid e, agus bidh an oighreachd againn fhèin.

Bha e anns an t‑saoghal, agus rinneadh an saoghal leis, agus cha d’aithnich an saoghal e.

Agus rinneadh am Facal na fheòil, agus ghabh e còmhnaidh nar measg-ne (agus chunnaic sinn a ghlòir, mar ghlòir aon-ghin Mhic an Athar), làn gràis agus fìrinn.

Rinneadh na h‑uile nithean leis; agus as eugmhais cha do rinneadh aon nì a rinneadh.

Air do fhios a bhith aig Iosa gun tug an t‑Athair na h‑uile nithean na làmhan, agus gur ann o Dhia a thàinig e, agus gur ann a dh’ionnsaigh Dhè a bha e a’ dol;

Ma tha Dia air a ghlòrachadh ann, glòraichidh Dia esan mar an ceudna ann fhèin, agus air ball glòraichidh e e.

A seo suas cha ghairm mi seirbhisich dhibh; oir chan aithne don t‑seirbhiseach ciod a tha a thighearna a’ dèanamh: ach ghairm mi càirdean dhibh; oir na h‑uile nithean a chuala mi om Athair, thug mi fios dhuibhse orra.

Na h‑uile nithean a tha aig an Athair, is leamsa iad: air an adhbhar seo thubhairt mi gum faigh e dem chuid-sa, agus nochdaidh e dhuibhse e.

A‑chum, mar a thug thu cumhachd dha air gach feòil, na h‑uile a thug thu dha, gun tugadh esan dhaibh a’ bheatha mhaireannach.

Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun tug e a aon-ghin Mhic fhèin, a‑chum is ge bè neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a’ bheatha shìorraidh aige.

An sin dh’èirich ceist eadar deisciobail Eòin agus na h‑Iùdhaich, mu thimcheall glanaidh.

Oir mar a tha aig an Athair beatha ann fhèin, is amhail sin a thug e don Mhac beatha a bhith aige ann fhèin;

Agus thug e mar an ceudna dha ùghdarras a‑chum breith a thabhairt, do bhrìgh gur e Mac an Duine.

Tha fhios againn gun do labhair Dia ri Maois: ach mu thimcheall an fhir seo, chan eil fhios againn cia as dha.

Am facal a chuir Dia gu cloinn Israeil a’ searmonachadh sìthe tre Iosa Crìosd (neach as e Tighearna nan uile),

Agus tàrlaidh anns na làithean deireannach (arsa Dia), dòirtidh mise dem Spiorad air gach uile fheòil; agus nì ur mic agus ur nigheanan fàidheadaireachd, agus chì ur n‑òganaich seallaidhean, agus bruadaraidh ur seann daoine bruadair:

A dhearbhadh a bhith na Mhac do Dhia le cumhachd, a rèir Spiorad na naomhachd, tre an aiseirigh o na mairbh:

Agus mas clann, is oighreachan; oighreachan air Dia, agus co‑oighreachan maille ri Crìosd: mas e is gum fuiling sinn maille ris, a‑chum gun glòraichear sinn maille ris mar an ceudna.

Ach tha sinn a’ labhairt gliocas Dhè ann an rùn-diamhair, an gliocas sin a bha falaichte, a dh’òrdaich Dia ron t‑saoghal a‑chum ar glòir-ne:

Gidheadh dhuinne chan eil ach aon Dia, an t‑Athair, om bheil na h‑uile nithean, agus sinne air a shon-san; agus aon Tighearna Iosa Crìosd, tre a bheil na h‑uile nithean, agus sinne trìdsan.

Ach nuair a thàinig coileanadh na h‑aimsir, chuir Dia a Mhac fhèin uaithe, a ghineadh o mhnaoi, a rinneadh fon lagh,

A‑chum ann am frithealadh coileanadh nan aimsir, gun cruinnicheadh e ann an aon na h‑uile nithean ann an Crìosd, araon na nithean a tha air nèamh agus na nithean a tha air talamh, eadhon annsan;

Agus gun dèanainn soilleir do na h‑uile dhaoine, ciod e comann an rùin-diamhair sin, a bha falaichte ann an Dia o thoiseach an t‑saoghail, a chruthaich na h‑uile nithean tre Iosa Crìosd;

Togaidh an Tighearna do Dhia suas fàidh dhut od mheadhon fhèin, od bhràithrean, cosmhail riumsa: ris-san èisdidh sibh;

Oir tha fhios agam, an dèidh mo bhàis gun truaill sibh sibh fhèin gu tur, agus gun tèid sibh a thaobh on t‑slighe a dh’àithn mi dhuibh; agus thig olc oirbh anns na làithean deireannach, a chionn gun dèan sibh olc ann an sealladh an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg le obair ur làmh.

Nuair a bhios tu ann an àmhghar, agus a thig na nithean sin uile ort anns na làithean deireannach, ma thilleas tu a‑chum an Tighearna do Dhia, agus ma bhios tu umhail da ghuth:

Oir cò de na h‑aingil ris an dubhairt e uair air bith, Is tu mo Mhac-sa, an‑diugh ghin mi thu? Agus a‑rìs, Bidh mise am Athair dhàsan, agus bidh esan na Mhac dhòmhsa?

Ach ris a’ Mhac tha e ag ràdh, Tha do rìgh-chathair, a Dhè, gu saoghal nan saoghal; is slat-rìoghail ro‑chothromach slat do rìoghachd-sa:

Tre chreideamh tha sinn a’ tuigsinn gun do chruthaicheadh na saoghail tre fhacal Dhè, air chor is nach do rinneadh na nithean a chìthear de nithean a bha rim faicinn.

Cionnas a thèid sinne as, ma nì sinn dìmeas air slàinte cho mòr, a thòisich air tùs air a bhith air a labhairt leis an Tighearna, agus a rinneadh dearbhte dhuinne leòsan a chuala e;

Ach Crìosd mar Mhac os cionn a thaighe fhèin: agus is sinne a thaigh-san, ma chumas sinn dànachd, agus gàirdeachas an dòchais, gu daingeann gus a’ chrìoch.

Do bhrìgh uime sin gu bheil againn Ard-shagart mòr, a chaidh a‑steach do na nèamhan, Iosa Mac Dhè, cumamaid gu daingeann ar n‑aidmheil.

Ged bu Mhac e, dh’fhòghlaim e ùmhlachd o na nithean a dh’fhuiling e:

Oir tha an lagh a’ dèanamh àrd-shagartan de dhaoine aig a bheil anfhainneachd; ach facal nam mionnan a bha an dèidh an lagha, a’ dèanamh Àrd-shagairt den Mhac, a tha air a dhèanamh iomlan gu sìorraidh.

Gun athair, gun mhàthair, gun sinnsireachd, gun toiseach làithean, gun deireadh beatha aige; ach air a dhèanamh cosmhail ri Mac Dhè, tha e a’ fantainn na shagart gu sìorraidh.

(Oir mar sin b’èiginn gum fuilingeadh e gu minig o thoiseach an t‑saoghail); ach a‑nis dh’fhoillsicheadh e aon uair ann an deireadh an t‑saoghail, a‑chum peacadh a chur air cùl trìd e fhèin ìobradh.

Neach gu deimhinn a ro‑òrdaicheadh ro chruthachadh an t‑saoghail, ach a dh’fhoillsicheadh anns na h‑aimsirean deireannach air ur son-se;

Air dhuibh fhios seo a bhith agaibh air tùs, gun tig anns na làithean deireannach luchd-fochaid, ag imeachd a rèir an ana-miann fhèin.

Mar a thubhairt iad ribh, gum biodh anns an aimsir dheireannaich luchd-fanaid, a ghluaiseadh a rèir an ana-miannan mì‑dhiadhaidh fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan