Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 1:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fillidh tu iad mar bhrat, agus caochlaidhear iad: ach is tusa an Tì ceudna, agus chan fhàilnich do bhliadhnachan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Feuch, tha Dia mòr, agus chan aithne dhuinne e; agus cha rannsaichear a‑mach àireamh a bhliadhnachan.

Oir tha mìle bliadhna ann ad shealladh-sa mar an là‑an‑dè nuair a thèid e seachad, agus mar fhaire anns an oidhche.

Agus thubhairt Dia ri Maois, IS MI AN TI AS MI: agus thubhairt e, Mar seo their thu ri cloinn Israeil, Chuir IS MI mise dur n‑ionnsaigh.

Tha m’aois air dealachadh rium, agus dh’atharraicheadh i air falbh mar phàillean buachaille; ghearradh as mo bheatha mar gum b’ann leis an fhigheadair; tha e gam chlaoidh le tinneas caithteach; o là eadhon gu oidhche tha thu a’ cur as dhomh.

Thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Mun robh Abrahàm ann, tha mise.

Iosa Crìosd an‑dè, agus an‑diugh, agus gu sìorraidh an Tì ceudna.

Tha gach uile dheagh thabhartas agus gach uile thìodhlac iomlan on àirde, a’ teachd a‑nuas o Athair na soillse, maille ris nach eil atharrachadh, no sgàil tionndaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan