Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 1:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Teirgidh iadsan, ach mairidh tusa: agus fàsaidh iad uile sean mar aodach;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Tha an Tighearna na Rìgh gu saoghal nan saoghal; sgriosadh na cinnich a‑mach as a thìr.

Thèid as dhaibhsan, ach mairidh tusa; fàsaidh iadsan uile sean mar aodach; mar thrusgan caochlaidh tu iad, agus bidh iad air an caochladh.

Suidhidh an Tighearna air an tuil, agus suidhidh an Tighearna na Rìgh gu sìorraidh.

Mun do ghineadh na beanntan, agus mun do dhealbh thu an talamh agus an cruinne-cè, eadhon o bhithbhuantachd gu bithbhuantachd is tusa Dia.

Agus crìonaidh feachd nèimh gu lèir air falbh, agus fillear na nèamhan air a chèile mar dhuilleig leabhair; agus tuitidh am feachd uile sìos, mar a thuiteas an duilleag sheargte on fhìonain, agus mar am meas làn-abaich on chrann-fhìge.

Cò a dh’obraich agus a choilean seo, a’ gairm nan ginealach o thùs? Mise an Tighearna, an ciad neach, agus maille riùsan air dheireadh, is mise e.

Mar seo deir an Tighearna, rìgh Israeil, agus a fhear-saoraidh, Tighearna nan sluagh, Is mi an ciad neach, agus is mi an neach deireannach; agus a‑mach uamsa chan eil dia ann.

Feuch, is e an Tighearna Iehòbhah m’fhear-cuideachaidh; cò a dhìteas mi? Feuch, fàsaidh iad uile sean mar thrusgan; ithidh an leòmann suas iad.

Togaibh ur sùilean suas ris na nèamhan, agus amhaircibh air an talamh shìos; oir sgaoilear o chèile na nèamhan mar dheataich, agus fàsaidh an talamh sean mar thrusgan; agus bàsaichidh a luchd-àiteachaidh air a’ mhodh cheudna; ach mairidh mo shlàinte-sa gu sìorraidh, agus cha tèid m’fhìreantachd air chùl.

Oir ithidh an leòmann iad mar thrusgan agus ithidh a’ chnuimh iad mar olainn; ach mairidh m’fhìreantachd-sa gu sìorraidh, agus mo shlàinte gu linn nan linntean.

Oir feuch, cruthaichidh mi nèamhan nuadha agus talamh nuadh; agus cha chuimhnichear iad sin a bha ann roimhe, agus cha tig iad ann an aire don duine.

Thèid nèamh agus talamh thairis, ach cha tèid mo bhriathran-sa thairis a‑chaoidh.

Thèid nèamh agus talamh thairis; ach cha tèid mo bhriathran-sa thairis a‑chaoidh.

Thèid nèamh agus talamh thairis: ach cha tèid mo bhriathran-sa thairis a‑chaoidh.

Agus tha am facal seo, Aon uair eile, a’ ciallachadh atharrachadh nan nithean sin a ghabhas crathadh, mar nithean a rinneadh, a‑chum gum fanadh na nithean nach gabh crathadh.

Am feadh a tha e ag ràdh, Coicheangal nuadh, rinn e an ciad choicheangal sean. A‑nis an nì a tha aosda agus air fàs sean, tha e fagas do dhol as an t‑sealladh.

Ag ràdh, Is mise Alpha agus Omega, an ciad neach agus an neach deireannach: agus sgrìobh-sa ann an leabhar an nì a chì thu, agus cuir e a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; a‑chum Ephesuis, agus a‑chum Smirna, agus a‑chum Phergamois, agus a‑chum Thiatìra, agus a‑chum Shardis, agus a‑chum Philadelphia, agus a‑chum Laodicèa.

Agus a‑chum aingeal eaglais Smirna, sgrìobh: Na nithean seo tha esan ag ràdh, an Tì as e an ciad neach agus an neach deireannach, a bha marbh, agus a tha beò;

Agus chunnaic mi rìgh-chathair mhòr gheal, agus an Tì a shuidh oirre, neach aig an do theich nèamh agus talamh o a ghnùis; agus cha d’fhuaireadh àite dhaibh.

Agus chunnaic mi nèamh nuadh, agus talamh nuadh: oir chaidh an ciad nèamh agus an ciad talamh thairis; agus cha robh fairge ann nas mò.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan