Daniel 9:9Am Bìoball Gàidhlig 1992Don Tighearna ar Dia buinidh tròcairean agus maitheanais, ged a rinn sinne ar‑a‑mach na aghaidh. Faic an caibideil |
Ach rinn taigh Israeil ceannairc am aghaidh anns an fhàsach: cha do ghluais iad ann am reachdan, agus rinn iad tàir air mo bhreitheanais, nithean ma nì duine, mairidh e beò annta; agus mo shàbaidean thruaill iad gu mòr: an sin thubhairt mi gun dòirtinn mo chorraich a‑mach orra anns an fhàsach, a‑chum an caitheamh.
O Thighearna, buinidh fìreantachd dhutsa, ach dhuinne nàire gnùise, mar air an là‑an‑diugh: do mhuinntir Iùdah, agus do luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus do Israel uile, am fagas agus am fad as, feadh nan uile dhùthchannan gus an d’fhògair thusa iad airson am peacaidhean a pheacaich iad ann ad aghaidh-sa.
Agus ghuidh e air an Tighearna, agus thubhairt e, Guidheam ort, O Thighearna, nach dubhairt mise seo, nuair a bha mi fhathast ann am dhùthaich fhèin? Uime sin theich mi roimhe seo gu Tarsis: oir bha fhios agam gur Dia gràsmhor thusa, agus tròcaireach, mall a‑chum feirge, agus pailt ann an iochd, agus gun gabh thu aithreachas mu olc.