Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 9:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

O Thighearna, dhuinne buinidh nàire gnùise, dar rìghrean, dar prionnsachan, agus dar n‑athraichean, a chionn gun do pheacaich sinn ad aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

A chionn gun do rinn iad olc am shùilean, agus gun do bhrosnaich iad mi gu feirg on là anns an tàinig an athraichean a‑mach as an Eiphit, eadhon gus an là‑an‑diugh.

Gidheadh ma thig iad gu inntinn cheirt anns an tìr don tugadh nam braighdean iad, agus ma dh’iompaichear iad, agus ma nì iad ùrnaigh riut ann an tìr am braighdeanais, ag ràdh, Pheacaich sinn, rinn sinn gu h‑eucorach, agus rinn sinn gu h‑aingidh;

Biodh do chluas a‑nis furachair, agus do shùilean fosgailte, a‑chum is gun èisd thu ri ùrnaigh d’òglaich, a tha mi a’ dèanamh ad fhianais a‑nis, a là agus a dh’oidhche, airson chloinn Israeil d’òglach: agus tha mi ag aideachadh peacaidhean chloinn Israeil, a pheacaich sinn ad aghaidh: pheacaich araon mise agus taigh m’athar.

Oir riamh cha chuala daoine, cha d’fhairich iad len cluais, cha mhò a chunnaic sùil, dia eile ach thusa, a nì a leithid airson an tì a dh’fheitheas air.

Tha sinn ag aideachadh, O Thighearna, ar n‑aingidheachd fhèin, agus euceart ar n‑athraichean; oir pheacaich sinn ad aghaidh-sa.

Airson uile aingidheachd chloinn Israeil, agus chloinn Iùdah, a rinn iad a‑chum mise a bhrosnachadh gu corraich, iad fhèin, an rìghrean, an uachdarain, an sagartan, agus am fàidhean, agus muinntir Iùdah, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim.

A bheil iad a’ cur campair ormsa? deir an Tighearna; nach ann a tha iad a’ cur dragh orra fhèin, a‑chum masladh an gnùise fhèin?

Is ceart an Tighearna, oir chathaich mise an aghaidh a àitheantan; èisdibh, guidheam oirbh, a shlòigh gu lèir, agus faicibh mo bhròn: m’òighean agus m’òganaich dh’fhalbh ann am braighdeanas.

Pheacaich sinne agus rinn sinn ar‑a‑mach, agus cha do mhaith thusa.

Thuit an coron bhàrr ar cinn: mo thruaighe sinn, a chionn gun do pheacaich sinn.

A‑chum gun cuimhnich thu, agus gum bi nàire ort, agus nach fhosgail thu do bheul gu bràth nas mò, do bhrìgh do nàire, nuair a bhios mise rèidh riut airson gach uile nì a rinn thu, deir an Tighearna Iehòbhah.

Agus dh’atharraich i mo bhreitheanais gu aingidheachd nas mò na na cinnich; agus mo reachdan nas mò na na dùthchannan mun cuairt dhi: oir dhiùlt iad mo bhreitheanais; agus mo reachdan cha do ghluais iad annta.

Don Tighearna ar Dia buinidh tròcairean agus maitheanais, ged a rinn sinne ar‑a‑mach na aghaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan