Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 9:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

O Thighearna, buinidh fìreantachd dhutsa, ach dhuinne nàire gnùise, mar air an là‑an‑diugh: do mhuinntir Iùdah, agus do luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus do Israel uile, am fagas agus am fad as, feadh nan uile dhùthchannan gus an d’fhògair thusa iad airson am peacaidhean a pheacaich iad ann ad aghaidh-sa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

34 Iomraidhean Croise  

Ach an dèidh gach nì a thàinig oirnn airson ar droch obair, agus airson ar cionta mhòir, o nach do rinn thusa ar Dia peanas oirnn a rèir ar droch thoillteanais, agus gun tug thu dhuinn a leithid seo de shaorsa;

A Thighearna Dhè Israeil, is ceart thusa, oir tha sinn an làthair a thàinig as, mar air an là‑an‑diugh. Feuch, tha sinn ad fhianais nar peacaidhean: oir chan urrainn sinn seasamh ad fhianais airson seo.

Ach tha thusa cothromach anns gach nì a thàinig oirnn; oir rinn thusa gu fìrinneach, ach rinn sinne gu h‑aingidh.

Is cothromach thusa, a Thighearna, agus is ceart do bhreitheanas.

Fad an là tha m’amhluadh am fhianais, agus chòmhdaich nàire mo ghnùise mi,

Saor mi o chionta fala, a Dhè, a Dhè mo shlàinte; àrd-mholaidh mo theanga d’fhìreantachd.

Ad aghaidh, ad aghaidh fhèin a‑mhàin pheacaich mi, agus rinn mi olc ad shealladh, air chor is gum fìreanaichear thusa nuair a labhras tu, gum bi thu glan nuair a bheir thu breith.

Agus tàrlaidh anns an là sin, gun cuir an Tighearna a‑mach a làmh a‑rìs an dara uair, a thoirt air ais fuidheall a shluaigh, a dh’fhàgar dhiubh, o Asiria, agus on Eiphit, agus o Phatros, agus o Chus, agus o Elam, agus o Shinar, agus o Hamat, agus o innsean na fairge.

Tha iad air an nàrachadh, tha iad eadhon air am maslachadh, an t‑iomlan dhiubh; cuirear iad maraon gu amhluadh, a tha nan luchd-dèanamh iodhalan.

Is ceart thusa, O Thighearna, nuair a thagras mi riut: gidheadh, ceadaich dhomh labhairt riut mu thimcheall do bhreitheanais. Carson a tha slighe nan droch dhaoine a’ soirbheachadh? Carson a tha iadsan uile suaimhneach a tha ro‑aingidh?

Na làithean-san tèarnar Iùdah, agus gabhaidh Israel còmhnaidh ann an tèarainteachd: agus is e seo ainm a ghoirear ris, Iehòbhah ar fìreantachd-ne.

Bheir eadhon mise thairis iad gu bhith air an luasgadh air feadh uile rìoghachdan an domhain, a‑chum an aimhleis; gu bhith nan cùis-fhanaid, agus nan gnàth-fhacal, agus nam ball-magaidh, agus nam mallachadh, anns a h‑uile àite gus am fògair mi iad.

Laighidh sinn sìos nar nàire, agus thig ar masladh tharainn: a chionn gun do pheacaich sinn an aghaidh an Tighearna ar Dia, sinn fhèin agus ar n‑athraichean, o ar n‑òige eadhon gus an‑diugh, agus nach robh sinn umhail do ghuth an Tighearna, ar Dia.

Airson uile aingidheachd chloinn Israeil, agus chloinn Iùdah, a rinn iad a‑chum mise a bhrosnachadh gu corraich, iad fhèin, an rìghrean, an uachdarain, an sagartan, agus am fàidhean, agus muinntir Iùdah, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim.

Anns na làithean sin tèarnar Iùdah, agus gabhaidh Ierusalem còmhnaidh ann an tèarainteachd: agus is e seo esan ris an goirear Iehòbhah ar Fìreantachd.

Mar luchd-coimhead faiche tha iad na h‑aghaidh mun cuairt dhi, a chionn gun do rinn i ar‑a‑mach ann am aghaidh-sa, deir an Tighearna.

A bheil iad a’ cur campair ormsa? deir an Tighearna; nach ann a tha iad a’ cur dragh orra fhèin, a‑chum masladh an gnùise fhèin?

A‑chum gun cuimhnich thu, agus gum bi nàire ort, agus nach fhosgail thu do bheul gu bràth nas mò, do bhrìgh do nàire, nuair a bhios mise rèidh riut airson gach uile nì a rinn thu, deir an Tighearna Iehòbhah.

An sin cuimhnichidh sibh ur droch shlighe fhèin, agus ur dèanadais nach robh math, agus fuathaichidh sibh sibh fhèin nur sealladh fhèin, airson ur n‑euceartan, agus airson ur gràinealachdan.

Uime sin ithidh na h‑athraichean am mic ann ad mheadhon, agus ithidh na mic an athraichean; agus nì mise breitheanais annad, agus sgapaidh mi an t‑iomlan ded fhuidheall ris gach uile ghaoith.

Esan a tha fad as bàsaichidh leis a’ phlàigh; agus esan a tha dlùth tuitidh leis a’ chlaidheamh; agus esan a mhaireas, agus a tha air a shèisdeadh, bàsaichidh leis a’ ghort: mar seo coileanaidh mise mo chorraich orra.

Uime sin rinn Dia faire air an olc, agus thug e oirnn e: oir tha an Tighearna ar Dia ceart na uile obraichean a tha e a’ dèanamh: oir cha tug sinne gèill da ghuth.

O mo Thighearna, crom do chluas agus cluinn; fosgail do shùilean, agus faic ar fàsachadh, agus a’ chathair a tha air a gairm air d’ainm: oir chan eil sinn a’ taisbeanadh ar n‑athchuingean ad làthair airson ar n‑ionracais, ach airson do mhòr-thròcair fhèin.

O Thighearna, dhuinne buinidh nàire gnùise, dar rìghrean, dar prionnsachan, agus dar n‑athraichean, a chionn gun do pheacaich sinn ad aghaidh.

Oir feuch, bheir mise àithne, agus criathraidh mi taigh Israeil am measg nan uile chinneach, mar a chriathrar sìol ann an criathar, gidheadh cha tuit an sìlean as lugha dheth air an talamh.

Air an adhbhar sin ciod an toradh a bha agaibh an sin anns na nithean sin a tha a‑nis a’ cur nàire oirbh? Oir is e crìoch nan nithean sin am bàs.

Is esan a’ charraig, tha a obair iomlan; oir is breitheanas a shlighean uile: Dia na fìrinn, agus gun eucoir, cothromach agus ceart tha esan.

Agus sgapaidh an Tighearna sibh am measg nan cinneach, agus fàgar sibh tearc an àireamh am measg nan cinneach, far an toir an Tighearna sibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan