Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 9:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cha mhò a dh’èisd sinn rid sheirbhisich na fàidhean, a labhair ann ad ainm-sa ri ar rìghrean, ri ar n‑uachdarain, agus ri ar n‑athraichean, agus ri uile shluagh an fhearainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

29 Iomraidhean Croise  

A chionn nach d’èisd iad ri guth an Tighearna an Dia, ach gun do bhris iad a choicheangal, agus na h‑uile nithean a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna, nach d’èisd iad riu, cha mhò a rinn iad iad.

Agus labhair an Tighearna ri Manaseh, agus ra shluagh; ach chan èisdeadh iad.

O làithean ar n‑athraichean bha sinn ann an cionta mòr gu ruig an là‑an‑diugh, agus airson ar n‑euceartan thugadh thairis sinn fhèin, ar rìghrean, ar sagartan, do làimh rìghrean nan tìrean, don chlaidheamh, do dhaorsa, agus do chreachadh, agus do nàire gnùise, mar air an là‑an‑diugh.

Agus ghiùlain thu leo rè iomadh bliadhna, agus rinn thu fianais nan aghaidh led spiorad le làimh d’fhàidhean: ach chan èisdeadh iad, agus thug thu thairis iad do làimh sluaigh nan tìrean.

A‑nis, matà, O ar Dia-ne, a Dhè mhòir, chumhachdaich, agus uamhasaich, a chumas coicheangal agus tròcair, na measar beag ad fhianais an sàrachadh seo uile a thàinig oirnne, air ar rìghrean, air ar n‑uachdarain, agus air ar sagartan, agus air ar fàidhean, agus air ar n‑athraichean, agus air do shluagh uile, o làithean rìghrean Asiria gu ruig an là‑an‑diugh.

Cha do ghlèidh ar rìghrean, ar n‑uachdarain, ar sagartan, no ar n‑athraichean do lagh-sa, agus cha d’èisd iad rid àitheantan, agus rid theisteas leis an tug thu teisteas nan aghaidh:

Gu èisdeachd a thoirt do bhriathran mo sheirbhiseach na fàidhean, a chuir mi thugaibh, araon ag èirigh gu moch agus gan cur a‑mach (ged nach d’èisd sibhse);

A chionn nach d’èisd iad rim bhriathran-sa, deir an Tighearna, nuair a chuir mi don ionnsaigh m’òglaich, na fàidhean, ag èirigh gu moch, agus gan cur a‑mach; ach chan èisdeadh sibhse, deir an Tighearna.

A‑thaobh an fhacail a labhair thu rinn ann an ainm an Tighearna, chan èisd sinn riut,

Agus a‑nis, a chionn gun do rinn sibhse na h‑obraichean seo uile, deir an Tighearna, agus gun do labhair mise ribh ag èirigh gu moch, agus a’ labhairt, ach cha d’èisd sibhse; agus gun do ghlaodh mi ribh, ach cha do fhreagair sibh:

Ach cha d’èisd iad, cha mhò a dh’aom iad an cluas, ach ghluais iad ann an comhairlean ais-innleachdach an droch chridhe fhèin, agus chaidh iad air an ais, agus chan ann air an aghaidh.

Cha mhò a thug sinn gèill do ghuth an Tighearna ar Dia, a‑chum gluasad na reachdan a chuir e romhainn le a sheirbhisich na fàidhean.

Don Tighearna ar Dia buinidh tròcairean agus maitheanais, ged a rinn sinne ar‑a‑mach na aghaidh.

A Ierusaleim, a Ierusaleim, a mharbhas na fàidhean, agus a chlachas an dream a chuirear ad ionnsaigh, cia minig a b’àill leam do chlann a chruinneachadh ri chèile, mar a chruinnicheas cearc a h‑eòin fo a sgiathan, agus cha b’àill leibhse!

Oir iadsan a tha a chòmhnaidh ann an Ierusalem, agus an uachdarain, air dhaibh a bhith aineolach airsan, agus air briathran nam Fàidhean a tha air an leughadh gach sàbaid, le esan a dhìteadh choilean iad iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan