Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 9:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Pheacaich sinne, agus chuir sinn an gnìomh euceart, agus rinn sinn gu h‑aingidh, agus bha sinn ceannairceach, eadhon le dealachadh rid àitheantan agus rid bhreitheanais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

31 Iomraidhean Croise  

A chionn nach d’èisd iad ri guth an Tighearna an Dia, ach gun do bhris iad a choicheangal, agus na h‑uile nithean a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna, nach d’èisd iad riu, cha mhò a rinn iad iad.

A chionn gun do rinn iad olc am shùilean, agus gun do bhrosnaich iad mi gu feirg on là anns an tàinig an athraichean a‑mach as an Eiphit, eadhon gus an là‑an‑diugh.

Agus thubhairt mi, O mo Dhia, tha nàire orm agus rudhadh gruaidh m’aghaidh a thogail riutsa, mo Dhia: oir tha ar n‑euceartan air fàs lìonmhor os ar cionn, agus tha ar cionta air èirigh suas gu nèamh.

Pheacaich sinn le ar n‑athraichean; rinn sinn gu h‑olc, rinn sinn gu h‑aingidh.

Od bhreitheanais cha do chlaon mi, oir theagaisg thusa mi.

Chaidh mi air seachran mar chaora chaillte; iarr d’òglach, oir cha do dhìochuimhnich mi d’àitheantan.

Oir ghlèidh mi slighean an Tighearna, agus cha do chlaon mi gu h‑aingidh om Dhia.

Chaidh sinne uile, mar chaoraich, air seachran; thionndaidh sinn, gach aon ga shlighe fhèin; agus leag an Tighearna airsan aingidheachd gach aon dhinn.

Le peacachadh agus le breugan an aghaidh an Tighearna, agus le tilleadh air falbh o ar Dia; le ainneart a labhairt agus le ceannairc a dhealbhadh; agus le briathran breugach aithris on chridhe.

Oir riamh cha chuala daoine, cha d’fhairich iad len cluais, cha mhò a chunnaic sùil, dia eile ach thusa, a nì a leithid airson an tì a dh’fheitheas air.

Tha sinn ag aideachadh, O Thighearna, ar n‑aingidheachd fhèin, agus euceart ar n‑athraichean; oir pheacaich sinn ad aghaidh-sa.

Ged tha ar n‑euceartan a’ tabhairt fianais nar n‑aghaidh, O Thighearna, dèan thusa air sgàth d’ainme fhèin: oir tha ar cùl-sleamhnachaidh lìonmhor, pheacaich sinn ad aghaidh.

Laighidh sinn sìos nar nàire, agus thig ar masladh tharainn: a chionn gun do pheacaich sinn an aghaidh an Tighearna ar Dia, sinn fhèin agus ar n‑athraichean, o ar n‑òige eadhon gus an‑diugh, agus nach robh sinn umhail do ghuth an Tighearna, ar Dia.

Rinn do leannain gu lèir do dhearmad: chan eil iad gad iarraidh, oir rinn mise do lotadh le lot nàmhaid, le smachdachadh garg; a chionn gu robh do chionta mòr, do lochdan lìonmhor.

Airson an aingidheachd a chuir iad an gnìomh, a‑chum mise a bhrosnachadh gu feirg, le iad a dhol a losgadh tùise, gu seirbhis a thoirt do dhiathan eile nach b’aithne dhaibh: dhaibhsan, dhuibhse, no dur n‑athraichean.

Is ceart an Tighearna, oir chathaich mise an aghaidh a àitheantan; èisdibh, guidheam oirbh, a shlòigh gu lèir, agus faicibh mo bhròn: m’òighean agus m’òganaich dh’fhalbh ann am braighdeanas.

Feuch, O Thighearna, mar a tha mi ann an teinn; tha mo chom fo thrioblaid; tha mo chridhe air tionndadh an taobh a‑staigh dhìom; oir chiontaich mi gu trom: a‑muigh tha claidheamh a’ sgrios, a‑staigh tha amhail bàis.

Pheacaich sinne agus rinn sinn ar‑a‑mach, agus cha do mhaith thusa.

Agus dh’atharraich i mo bhreitheanais gu aingidheachd nas mò na na cinnich; agus mo reachdan nas mò na na dùthchannan mun cuairt dhi: oir dhiùlt iad mo bhreitheanais; agus mo reachdan cha do ghluais iad annta.

Agus cuimhnichidh a mheud dhibh is a thèid as mise, am measg nan cinneach gus an toirear iad nam braighdean, an tràth a chìosnaicheas mise an cridhe strìopachail a dhealaich rium, agus an sùilean a tha a’ dol air strìopachas an dèidh an iodhalan; agus bidh gràin aca dhiubh fhèin airson nan olc a chuir iad an gnìomh nan uile ghràinealachdan.

Seadh, bhris Israel uile do reachd, eadhon le dol a thaobh, a‑chum nach tugadh iad gèill dod guth; air an adhbhar sin tha am mallachd air a dhòrtadh oirnn, agus an truaighe a tha sgrìobhte ann an lagh Mhaois, òglach Dhè, a chionn gun do pheacaich sinn na aghaidh.

Agus a‑nis, O Thighearna ar Dia, a thug do shluagh a‑mach à tìr na h‑Eiphit le làimh chumhachdaich, agus a fhuair dhut fhèin cliù, mar air an là‑an‑diugh, pheacaich sinne, rinn sinn gu h‑aingidh.

Don Tighearna ar Dia buinidh tròcairean agus maitheanais, ged a rinn sinne ar‑a‑mach na aghaidh.

Toiseach facal an Tighearna le Hosèa. Agus thubhairt an Tighearna ri Hosèa, Imich gabh ad ionnsaigh bean strìopachais, agus clann strìopachais; oir rinn am fearann strìopachas mòr ann an dealachadh ris an Tighearna.

Eadhon o làithean ur n‑athraichean chlaon sibh om reachdan-sa, agus cha do choimhead sibh iad: tillibh riumsa, agus tillidh mise ribhse, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Ach thubhairt sibhse, Ciod anns an till sinn?

Thugaibh an aire, a bhràithrean, air eagal gum bi ann an aon neach agaibh droch cridhe mì‑chreidimh, ann an trèigsinn an Dè bheò.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan