Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 9:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

O mo Thighearna, crom do chluas agus cluinn; fosgail do shùilean, agus faic ar fàsachadh, agus a’ chathair a tha air a gairm air d’ainm: oir chan eil sinn a’ taisbeanadh ar n‑athchuingean ad làthair airson ar n‑ionracais, ach airson do mhòr-thròcair fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

A‑chum gum bi do shùilean fosgailte ris an taigh seo a dh’oidhche agus a là; eadhon ris an àite mun dubhairt thu, Bidh m’ainm an sin: a‑chum gun èisd thu ris an ùrnaigh a nì do sheirbhiseach a dh’ionnsaigh an àite seo.

Crom, a Thighearna, a‑nuas do chluas, agus èisd; fosgail, a Thighearna, do shùilean, agus faic: seadh, cluinn briathran Shenacherib, a chuir e a mhaslachadh an Dè bheò.

Is toigh leam an Tighearna, oir dh’èisd e ri guth m’athchuingean.

Cuimhnich do chaomh-thròcairean, a Thighearna, agus do choibhneasan gràdhach, oir tha iad ann o chian nan cian.

Agus thubhairt an Tighearna, Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo shluaigh a tha anns an Eiphit, agus chuala mi an glaodh airson am maighistirean-obrach: oir is aithne dhomh an doilgheas.

Crom, O Thighearna, do chluas, agus cluinn; fosgail, O Thighearna, do shùilean, agus faic; agus cluinn uile bhriathran Shenacherib, a chuir e a mhaslachadh an Dè bheò.

Eadhon gach neach a tha air a ghairm air m’ainm-sa; oir a‑chum mo ghlòire chruthaich mi e, dhealbh mi e; seadh, rinn mi e.

An cùm thu ort fhèin airson nan nithean sin, a Thighearna? Am bi thu ad thosd, agus an cràidh thu sinn gu goirt?

Agus tha sinne uile mar nì truaillidh, agus ar n‑uile fhìreantachd mar luideig shalaich; agus tha sinn uile air seargadh mar dhuilleach; agus rinn ar lochdan, mar a’ ghaoth, ar giùlan air falbh.

Ged tha ar n‑euceartan a’ tabhairt fianais nar n‑aghaidh, O Thighearna, dèan thusa air sgàth d’ainme fhèin: oir tha ar cùl-sleamhnachaidh lìonmhor, pheacaich sinn ad aghaidh.

Cuime am biodh tu mar neach ann an suain chadail, mar ghaisgeach aig nach eil cumhachd gu tèarnadh? Gidheadh tha thusa, O Thighearna, nar meadhon, agus ortsa tha sinn air ar n‑ainmeachadh; na dèan ar trèigsinn.

Fhuaireadh do bhriathran, agus dh’ith mi suas iad; agus bha d’fhacal dhomh na aoibhneas, agus na ghàirdeachas dom chridhe; oir tha mi air m’ainmeachadh ortsa, O Iehòbhah, Dhia nan sluagh.

Oir feuch, air a’ chathair a tha air a h‑ainmeachadh air m’ainm, oirre sin tha mise a’ tionnsgnadh air olc a thabhairt, agus am faod sibhse dol as gu glan-shaor o pheanas? Cha tèid sibh as: oir gairmidh mise claidheamh air uile luchd-àiteachaidh na talmhainn, deir Tighearna nan sluagh.

Theagamh gun taisbein iad an athchuinge an làthair an Tighearna, agus gun till iad, gach aon o a dhroch shlighe; oir is mòr an fhearg agus a’ chorraich a labhair an Tighearna an aghaidh an t‑sluaigh seo.

Ach èisd a‑nis, guidheam ort, a thighearna, mo rìgh; gabhar m’athchuinge, guidheam ort, ann ad làthair; agus na toir orm tilleadh gu taigh Ionatain an sgrìobhaiche, air eagal gum faigh mi bàs an sin.

Air an adhbhar sin, abair ri taigh Israeil, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Chan eil mi a’ dèanamh seo air ur son-se, O thaigh Israeil, ach airson m’ainme naoimh fhèin, a thruaill sibhse am measg nan cinneach gus an deachaidh sibh.

Chan ann air ur son-se a tha mise a’ dèanamh seo, tha an Tighearna Dia ag ràdh, biodh fhios agaibh: biodh nàire agus amhluadh oirbh airson ur slighean fhèin, O thaigh Israeil.

O Thighearna, buinidh fìreantachd dhutsa, ach dhuinne nàire gnùise, mar air an là‑an‑diugh: do mhuinntir Iùdah, agus do luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus do Israel uile, am fagas agus am fad as, feadh nan uile dhùthchannan gus an d’fhògair thusa iad airson am peacaidhean a pheacaich iad ann ad aghaidh-sa.

Agus cuiridh iad m’ainm air cloinn Israeil, agus beannaichidh mise iad.

A‑chum eaglais Dhè, a tha ann an Corintus, a‑chum an dream a tha air an naomhachadh ann an Iosa Crìosd, air an gairm gu bhith nan naoimh, maille riùsan uile a tha a’ gairm air ainm ar Tighearna Iosa Crìosd anns gach àite, an Tighearna-san, agus ar Tighearna-ne:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan