Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 9:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, tha an t‑olc seo uile air teachd oirnn; gidheadh cha do rinn sinn ar n‑ùrnaigh an làthair an Tighearna ar Dia, a‑chum gum bitheamaid air ar tilleadh o ar n‑euceartan, agus gun tuigeamaid d’fhìrinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

35 Iomraidhean Croise  

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, bheir mise olc air an àite seo, agus air a luchd-àiteachaidh, eadhon uile bhriathran an leabhair a leugh rìgh Iùdah:

Ach càrnaidh na cealgairean anns a’ chridhe suas fearg; chan èigh iad nuair a cheanglas e iad.

Fosgail mo shùilean, a‑chum gum faic mi nithean iongantach od lagh.

Thoir orm slighe d’àitheantan a thuigsinn, agus labhraidh mi air d’obraichean iongantach.

Rinn agus dhealbh do làmhan mi; thoir tuigse dhomh, a‑chum gum fòghlaim mi d’àitheantan.

Till sinn, a Dhè ar slàinte, agus tog d’fhearg dhinn.

Is truagh dhaibhsan a tha a’ dol sìos don Eiphit airson còmhnaidh; a tha ag earbsa à eich, agus a’ cur an dòchais ann an carbadan, a chionn gu bheil iad lìonmhor; agus ann am marcaichean, a chionn gu bheil iad ro‑làidir; ach cha seall iad air Tì naomh Israel, agus chan iarr iad an Tighearna.

Feuch na seann nithean, thàinig iad gu crìch, agus nithean nuadha cuiridh mi an cèill; mum bris iad a‑mach, foillsichidh mi dhuibh iad.

Gidheadh cha do ghairm thu orm, O Iàcoib; ach ghabh thu seirbhe dhìom, O Israeil.

Agus tha sinne uile mar nì truaillidh, agus ar n‑uile fhìreantachd mar luideig shalaich; agus tha sinn uile air seargadh mar dhuilleach; agus rinn ar lochdan, mar a’ ghaoth, ar giùlan air falbh.

Agus chan eil aon neach ann a tha a’ gairm air d’ainm, a tha ga dhùsgadh fhèin suas a dhèanamh greim ort; oir dh’fhalaich thu do ghnùis uainn, agus chlaoidh thu sinn airson ar n‑euceartan.

Ach chan eil an sluagh seo air tilleadh ris an tì a bhuail iad; cha mhò a dh’iarr iad Tighearna nan sluagh:

Gu dìomhain bhuail mi ur clann: cha do ghabh iad cronachadh. Shluig ur claidheamh fhèin ur fàidhean, amhail leòmhann millteach.

Rinn do leannain gu lèir do dhearmad: chan eil iad gad iarraidh, oir rinn mise do lotadh le lot nàmhaid, le smachdachadh garg; a chionn gu robh do chionta mòr, do lochdan lìonmhor.

Gu deimhinn chuala mi Ephraim a’ caoidh gu goirt, Smachdaich thu mi, agus bha mi air mo smachdachadh, mar dhamh nach do chleachd a’ chuing: till thusa mi, agus bidh mi air mo thilleadh: oir is tu an Tighearna mo Dhia.

A chionn gun do loisg sibh tùis, agus a chionn gun do pheacaich sibh an aghaidh an Tighearna, agus nach tug sibh gèill do ghuth an Tighearna, cha mhò a ghluais sibh na lagh, no na reachdan, no na àitheantan: air an adhbhar sin, tha an t‑olc seo air teachd oirbh, mar air an là‑an‑diugh.

Feuch, nì mise faire os an cionn airson uilc, agus chan ann airson maith, agus sgriosar gach duine de Iùdah a tha an tìr na h‑Eiphit, leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, gus am bi làn chrìoch orra.

O Thighearna, nach eil do shùilean-sa air an fhìrinn? Bhuail thu iad, ach cha do rinn iad bròn; chaith thu iad, ach dhiùlt iad gabhail ri smachdachadh; rinn iad an aghaidh nas cruaidhe na creag; dhiùlt iad tilleadh.

Till sinne thugad, O Thighearna, agus bidh sinn air ar tilleadh: ath-nuadhaich ar làithean mar o shean.

A chionn nach do chuimhnich thu làithean d’òige, agus gun do chuir thu corraich ormsa anns na nithean seo uile; feuch, uime sin dìolaidh mi fòs do shlighe air do cheann, tha an Tighearna Dia ag ràdh; agus cha chuir thu an gnìomh an neòghlaine seo thar d’uile ghràinealachdan.

Seadh, bhris Israel uile do reachd, eadhon le dol a thaobh, a‑chum nach tugadh iad gèill dod guth; air an adhbhar sin tha am mallachd air a dhòrtadh oirnn, agus an truaighe a tha sgrìobhte ann an lagh Mhaois, òglach Dhè, a chionn gun do pheacaich sinn na aghaidh.

Agus tha uabhar Israeil a’ tabhairt fianais fa chomhair a shùl: gidheadh chan eil iad a’ tilleadh ris an Tighearna an Dia, no ga iarraidh airson seo uile.

Agus cha do ghlaodh iad riumsa len cridhe; ged rinn iad donnalaich air an leapaichean airson arbhair agus fìona; tha iad a’ cruinneachadh an ceann a chèile, tha iad ag èirigh suas am aghaidh-sa.

Theasaich iad uile iad fhèin mar àmhainn, agus shluig iad am britheamhan; tha an rìghrean uile air tuiteam; chan eil aon nam measg a tha a’ gairm ormsa.

An sin dh’fhosgail e an tuigse, a‑chum gun tuigeadh iad na sgriobtairean,

Ma thubhairt e diathan riùsan, a dh’ionnsaigh an tàinig facal Dhè, agus nach faodar an sgriobtar a bhriseadh;

Tha e sgrìobhte anns na fàidhean, Agus bidh iad uile air an teagasg o Dhia. Uime sin gach neach a chuala, agus a dh’fhòghlaim on Athair, thig e am ionnsaigh-sa.

Agus bidh eòlas agaibh air an fhìrinn, agus nì an fhìrinn saor sibh.

O chuala sibh e, agus o theagaisgeadh leis sibh, mar a tha an fhìrinn ann an Iosa:

Gidheadh cha tug an Tighearna dhuibh cridhe a thuigsinn, agus sùilean a dh’fhaicinn, agus cluasan a chluinntinn, gus an là‑an‑diugh.

Ma tha aon neach agaibh a dh’uireasbhaidh gliocais, iarradh e o Dhia, a bheir do gach neach gu pailt, agus nach dèan maoidheadh; agus bheirear dha e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan