Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 9:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dhaingnich e a bhriathran a labhair e nar n‑aghaidh, agus an aghaidh ar britheamhan a thug breith oirnn, le dòrainn mhòr a thoirt oirnn; oir fo nèamh uile cha do rinneadh mar a rinneadh air Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

31 Iomraidhean Croise  

Thoir uime sin dod òglach cridhe tuigseach a thoirt breith air do shluagh, gu dealachadh a chur eadar am math agus an t‑olc; oir cò as urrainn breith a thabhairt air do shluagh seo a tha cho mòr?

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, bheir mise olc air an àite seo, agus air a luchd-àiteachaidh, eadhon uile bhriathran an leabhair a leugh rìgh Iùdah:

Cuiridh e air falbh comhairlich creachte, agus de bhritheamhan nì e amadain.

Rìghrean na talmhainn agus na h‑uile shlòigh; uachdarain agus uile bhritheamhan na talmhainn;

A‑nis, matà, a rìghrean, bithibh glic; gabhaibh fòghlam, a bhritheamhan na talmhainn.

Leamsa riaghlaidh uachdarain, agus daoine mòra, uile bhritheamhan na talmhainn.

Uime sin sgar mi a‑mach uachdarain an ionaid naoimh; agus thug mi thairis Iàcob a‑chum mallachaidh, agus Israel a‑chum maslaidh.

A dhaingnicheas facal a sheirbhisich, agus a choileanas comhairle a theachdairean; a their ri Ierusalem, Bidh tu air d’àiteachadh; agus ri bailtean Iùdah, Bidh sibh air ur togail; agus a h‑ionadan fàsail togaidh mi suas:

Mo thruaighe! oir is mòr an là sin, agus chan eil a choimeas ann: agus is aimsir teanntachd i do Iàcob; ach tèarnar aisde e.

Agus thàinig iad a‑steach, agus shealbhaich iad e; ach cha tug iad gèill dod ghuth-sa, cha mhò a ghluais iad ann ad reachd; cha do rinn iad nì sam bith de na h‑uile nithean a dh’àithn thusa dhaibh a dhèanamh; uime sin thug thu an t‑olc seo uile orra.

Imich agus labhair ri Ebed-melech an t‑Etiopach, ag ràdh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Feuch, bheir mise mo bhriathran air a’ chathair seo airson uilc, agus chan ann airson maith; agus thig iad gu crìch ann ad fhianais-sa anns an là sin.

A chionn gun do loisg sibh tùis, agus a chionn gun do pheacaich sibh an aghaidh an Tighearna, agus nach tug sibh gèill do ghuth an Tighearna, cha mhò a ghluais sibh na lagh, no na reachdan, no na àitheantan: air an adhbhar sin, tha an t‑olc seo air teachd oirbh, mar air an là‑an‑diugh.

O sibhse uile a tha a’ gabhail an rathaid, amhaircibh agus faicibh a bheil bròn sam bith cosmhail rim bhròn-sa a thugadh orm, on uair anns an do rinn an Tighearna mo smachdachadh ann an là a dhian-fheirge.

Ciod a thàirngeas mi mar fhianais ad aghaidh? Ciod an nì a shamhlaicheas mi riut, O nighean Ierusaleim? Ciod a choimeasas mi riut, a‑chum gun tugainn comhfhurtachd dhut, O òigh-nighean Shioin? Oir tha do bhriseadh mòr mar an fhairge; cò a dh’fhaodas do leigheas?

Rinn an Tighearna an nì sin a dhealbh e; choilean e a fhacal, a dh’àithn e anns na làithean o shean; thilg e sìos, agus cha do ghabh e truas; ach thug e air nàmhaid gàirdeachas a dhèanamh os do chionn, dh’àrdaich e adharc do naimhdean.

Seadh, tha peanas aingidheachd nighean mo shluaigh-sa nas mò na peanas peacadh Shòdoim, a thilgeadh bun-os‑cionn an tiota, agus air nach tàinig laigse làmh.

Chunnaic iad dìomhanas, agus rinn iad fiosachd bhrèige, ag ràdh, Deir an Tighearna, nuair nach do chuir an Tighearna a‑mach iad: agus thug iad air daoine earbsa gun daingnicheadh iad am facal.

Agus nì mi annad an nì sin nach do rinn mi, agus nach dèan mi nas mò nì cosmhail ris, airson d’uile ghràinealachdan.

Agus anns an àm sin seasaidh Mìchael suas, am prionnsa mòr a tha a’ seasamh airson clann do shluaigh-sa; agus bidh aimsir carraid ann, mar nach robh riamh o bha cinneach ann, gus an uair sin fhèin: agus anns an àm sin saorar do shluagh-sa, gach aon a gheibhear sgrìobhte anns an leabhar.

Là dorchadais agus oglaidheachd: là neul agus tiugh-dhorchadais; mar an doilleireachd air a sgaoileadh air na slèibhtean, thig sluagh lìonmhor agus làidir: an leithid cha robh ann o shean, agus cha bhi nas mò nan dèidh, eadhon gu bliadhnachan mòran ghinealach.

Is sibhse a‑mhàin air an do ghabh mi eòlas de uile theaghlaichean na talmhainn: uime sin smachdaichidh mi sibh airson ur n‑uile lochdan.

Ach mo bhriathran-sa, agus mo reachdan, a dh’àithn mi dom òglaich na fàidhean, nach do rinn iad greim air ur n‑athraichean? Agus nach dubhairt iad, Amhail mar a shaoil Tighearna nan sluagh a dhèanamh rinne, a rèir ar slighean, agus a rèir ar dèanadais, mar sin rinn e rinn.

Chunnaic mi anns an oidhche, agus feuch duine a’ marcachd air each ruadh, agus sheas e am measg nan craobhan-miortail a bha anns a’ ghleann, agus air a chùlaibh bha eich ruadha, bhreaca, agus bhàna.

Seadh, rinn iad an cridheachan mar chloich adamaint, mun cluinneadh iad an lagh, agus na briathran a chuir Tighearna nan sluagh le a spiorad, leis na fàidhean roimhe seo: air an adhbhar sin, thàinig corraich mhòr o Thighearna nan sluagh.

Oir anns an àm sin bidh àmhghar mòr ann, amhail nach robh ann o thùs an domhain gus a‑nis, agus nach mò a bhios a‑chaoidh.

Oir tha mi ag ràdh ribh gu fìrinneach, Gus an tèid nèamh agus talamh thairis, cha tèid aon lide no aon phuing den lagh thairis, gus an coileanar gach aon nì.

Oir bidh àmhghar anns na làithean sin, amhail nach robh a leithid ann o thoiseach na cruitheachd a chruthaich Dia gus a‑nis, agus nach mò a bhios.

Oir is iad sin làithean an dìoghaltais, a‑chum gun coileanar na h‑uile nithean a tha sgrìobhte.

A‑nis tha mi ag ràdh, gu robh Iosa Crìosd na mhinistear an timcheall-ghearraidh airson fìrinn Dhè, a‑chum na geallaidhean a rinneadh do na h‑athraichean a dhaingneachadh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan