Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 9:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ann an ciad bhliadhna Dhariuis mhic Ahasueruis, de shìol nam Mèdach, a rinneadh na rìgh os cionn rìoghachd nan Caldèanach:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a rìghich Ahasuerus, ann an toiseach a rìoghachaidh, sgrìobh iad litir-chasaid an aghaidh luchd-àiteachaidh Iùdah agus Ierusaleim.

A‑nis ann an làithean Ahasueruis (is e seo an t‑Ahasuerus a rìghich o India gu ruig Etiopia, os cionn ceud agus seachd-ar‑fhichead mòr-roinn);

Agus mhair Daniel gu ciad bhliadhna rìgh Chìruis.

Clann air nach robh ciurram air bith, ach a bha maiseach, agus fòghlaimte anns a h‑uile gliocas, agus fiosrach ann an eòlas, agus seòlta air ealdhain, agus a bha comasach air seasamh ann an lùchairt an rìgh, agus dom faodadh iad fòghlam agus teanga nan Caldèanach a theagasg.

Agus ann an ciad bhliadhna Dhariuis am Mèdeach, sheas mise gu a dhaingneachadh agus gu a neartachadh.

Agus ghlac Darius am Mèdach an rìoghachd, agus e mu thimcheall trì-fichead agus dà bhliadhna a dh’aois.

B’i toil Dhariuis ceud agus fichead uachdaran a chur os cionn na rìoghachd, muinntir a bhiodh os cionn na rìoghachd uile;

Mar seo shoirbhich Daniel seo ann an linn Dhariuis, agus ann an linn Chìruis am Persach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan