Agus nuair a thubhairt mi, Cionnas a bheir mi àite dhut am measg mhac, agus a bheir mi dhut am fearann taitneach, oighreachd aoibhneach sluagh nan cinneach? An sin thubhairt mi, Goiridh tu riumsa, M’athair; agus cha till thu air d’ais om leantainn.
Ach fòs thog mi suas mo làmh dhaibh anns an fhàsach, nach tugainn iad don fhearann a thug mi dhaibh, a’ sruthadh le bainne agus le mil, as e glòir nan uile fhearann:
Anns an là anns an do thog mi suas mo làmh air an son gu an toirt a‑mach à tìr na h‑Eiphit, a‑chum fearainn a rannsaich mi a‑mach dhaibh, a’ sruthadh le bainne agus le mil, as e glòir nan uile fhearann;
Ach nì esan a thig na aghaidh a rèir a thoile fhèin, agus cha seas neach air bith roimhe: agus seasaidh e anns an tìr ghlòrmhoir, a bhios air a sgrios le a làimh.
Agus na àite-san seasaidh suas neach suarach do nach toir iad onair na rìoghachd: ach thig e a‑steach gu sìochail, agus gheibh e an rìoghachd le miodal.
Thug mi fa‑near na h‑adhaircean, agus, feuch, thàinig a‑nìos nam measg adharc bheag eile, ron robh trì de na ciad adhaircean air an spìonadh a‑nìos as am freumhan: agus, feuch, anns an adhairc seo bha sùilean mar shùilean duine, agus beul a’ labhairt nithean mòra.
Ach sgap mi iad le cuairt-ghaoith, am measg nan uile chinneach nach b’aithne dhaibh: agus bha am fearann fàs nan dèidh, air chor is nach do shiubhail neach air bith troimhe, air ais no air aghaidh: agus rinn iad an tìr thaitneach na fàsach.