Daniel 8:7Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus chunnaic mi e a’ teachd teann air an reithe, agus dhùisg a fhearg na aghaidh, agus bhuail e an reithe, agus bhris e a dhà adhairc; agus cha robh cumhachd air bith aig an reithe gu seasamh roimhe, ach thilg e sìos a‑chum an làir e, agus shaltair e air: agus cha robh neach air bith a b’urrainn an reithe a thèarnadh as a làimh. Faic an caibideil |
Na dhèidh seo chunnaic mi ann an aislingean na h‑oidhche, agus feuch, ceathramh beathach; eagalach agus uamhasach, agus ro‑làidir; agus bha fiaclan mòra iarainn aige: shluig e suas agus bhris e ann am bloighdean, agus shaltair e am fuidheall le a chasan; agus bha e eu‑cosmhail ris na h‑uile bheathaichean a bha roimhe; agus bha deich adhaircean air.