Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 8:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thog mi suas mo shùilean, agus chunnaic mi, agus feuch, sheas, fa chomhair na h‑aibhne, reithe aig an robh dà adhairc; agus bha an dà adhairc àrd; ach aon na b’àirde na an aon eile; agus thàinig an aon a b’àirde a‑nìos mu dheireadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

Agus thog Daibhidh suas a shùilean agus chunnaic e aingeal an Tighearna na sheasamh eadar talamh agus nèamh, agus a chlaidheamh rùisgte na làimh, sìnte a‑mach os cionn Ierusaleim, agus thuit Daibhidh agus seanairean Israeil, còmhdaichte le sac-aodach, sìos air an aghaidh.

Mar seo tha Cìrus rìgh Phersia ag ràdh, Uile rìoghachdan an domhain thug an Tighearna Dia nan nèamh dhòmhsa, agus dh’àithn e dhomh taigh a thogail dha ann an Ierusalem, a tha ann an Iùdah.

Agus thuarasdalaich iad comhairlichean nan aghaidh, a bhacadh an rùin rè uile làithean Chìruis rìgh Phersia, eadhon gus an do rìghich Darius rìgh Phersia.

Anns an treas bliadhna de a rìoghachadh, rinn e cuirm da uachdarain uile, agus da sheirbhisich; agus cumhachd Phersia agus Mhedia, àrd-uaislean agus uachdarain nam mòr-roinn na làthair;

Feuch, dùisgidh mi suas nan aghaidh na Medich, aig nach bi meas air airgead; agus airson òir, cha bhi suim aca dheth.

Dh’fhoillsicheadh sealladh eagalach dhomh; tha an cealgair a’ caitheamh foill, agus tha am fear-creachaidh a’ creachadh. Rach suas, O Elaim; teannaich, O Mhedia; chuir mise crìoch air a h‑uile osnaich.

A their mu Chìrus, Is e mo bhuachaille; agus coileanaidh e m’uile thoil, ag ràdh ri Ierusalem, Togar thu; agus ris an teampall, Leagar do bhunait.

Geuraichibh na saighdean; cruinnichibh na sgiathan; dhùisg an Tighearna suas spiorad rìghrean Mhedia; oir tha a rùn an aghaidh Bhàbiloin, a‑chum a sgrios: gu deimhinn is e dìoghaltas an Tighearna a tha ann, dìoghaltas a theampaill.

An sin thog mi suas mo shùilean, agus dh’amhairc mi, agus feuch, duine àraidh ann an aodach lìn, aig an robh a leasraidh crioslaichte le òr grinn Uphais:

Agus ann ad dhèidh-sa èiridh rìoghachd eile, nas lugha na thusa, agus treas rìoghachd eile de umha, aig am bi uachdaranachd os cionn an domhain uile.

Agus ghlac Darius am Mèdach an rìoghachd, agus e mu thimcheall trì-fichead agus dà bhliadhna a dh’aois.

Mar seo shoirbhich Daniel seo ann an linn Dhariuis, agus ann an linn Chìruis am Persach.

Agus feuch beathach eile, an dara aon, cosmhail ri math-ghamhainn, agus thog e suas e fhèin air aon taobh, agus bha aige trì aisnean na bheul, an taobh a‑staigh de a fhiaclan: agus thubhairt iad ris mar seo, Eirich, sluig mòran feòla.

Agus chunnaic mi ann an aisling (agus thàrladh nuair a chunnaic mi, gu robh mi ann an Susan, an lùchairt, a tha ann am mòr-roinn Elaim), agus chunnaic mi ann an aisling, agus bha mi aig abhainn Ulai.

An reithe a chunnaic thu, aig an robh dà adhairc, is iad sin rìghrean Mhedia agus Phersia.

An sin thog mi suas mo shùilean, agus chunnaic mi; agus feuch ceithir adhaircean.

Thog mi suas mo shùilean a‑rìs, agus dh’amhairc mi; agus, feuch, fear le sreing-thomhais na làimh.

Agus thog mi suas mo shùilean a‑rìs agus dh’amhairc mi, agus, feuch, ròla ag itealaich.

An sin chaidh an t‑aingeal a labhair rium a‑mach, agus thubhairt e rium, Tog suas a‑nis do shùilean, agus faic ciod seo a tha a’ dol a‑mach.

An sin thog mi suas mo shùilean, agus dh’amhairc mi; agus, feuch, thàinig a‑mach dà mhnaoi, agus a’ ghaoth nan sgiathan; (oir bha sgiathan aca mar sgiathan corra-glaise); agus thog iad an ephah suas eadar an talamh agus na nèamhan.

Agus a‑rìs thog mi suas mo shùilean, agus dh’amhairc mi; agus, feuch, thàinig ceithir carbadan a‑mach o eadar dhà shliabh; agus bu shlèibhtean umha na slèibhtean.

Agus thog Balàam suas a shùilean, agus chunnaic e Israel a’ fantainn nam bùthan a rèir an treubhan, agus thàinig spiorad Dhè air.

Agus nuair a bha Iosua làimh ri Iericho, thog e suas a shùilean agus dh’amhairc e, agus, feuch, sheas duine thall fa chomhair, agus a chlaidheamh rùisgte na làimh: agus chaidh Iosua da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, An ann leinne a tha thu, no le ar n‑eascairdean?

Agus chunnaic mi fiadh-bheathach eile ag èirigh as an talamh; agus bha aige dà adhairc cosmhail ri uan, agus labhair e mar dhràgon.

Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, ann am meadhon na rìgh-chathrach, agus nan ceithir beò-chreutairean, agus ann am meadhon nan seanairean, Uan na sheasamh mar gum biodh e air a mharbhadh, aig an robh seachd adhaircean, agus seachd sùilean, as iad seachd spioradan Dhè, a chuireadh a‑mach a‑chum na talmhainn uile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan