Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 8:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bidh a neart cumhachdach, ach chan ann le a threise fhèin: agus sgriosaidh e gu h‑iongantach, agus soirbhichidh leis, agus bheir e gu crìch, agus millidh e na cumhachdaich agus an sluagh naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Chunnaic mi an duine aingidh ann am mòr-chumhachd, agus e ga sgaoileadh fhèin a‑mach mar ùr‑chraoibh uaine.

Agus an dèidh na rèite ris, buinidh e gu cealgach; agus thig e a‑nìos, agus fàsaidh e làidir le sluagh beag.

Agus chuala mi an duine a bha sgeadaichte le lìon-aodach, a bha air uisgeachan na h‑aibhne, nuair a thog e suas a làmh dheas agus a làmh chlì gu nèamh, agus a mhionnaich e airsan a tha beò gu sìorraidh, gum bi e gu aimsir, agus aimsirean, agus leth aimsir: agus nuair a sguireas e de sgapadh feachd an t‑sluaigh naoimh, crìochnaichear na nithean seo uile.

Agus labhraidh e briathran an aghaidh an Tì as àirde, agus claoidhidh e naoimh an Tì as àirde, agus bidh dùil aige aimsirean agus reachdan a chaochladh: agus bheirear iad da làimh gu aimsir, agus aimsirean, agus roinn aimsir.

Agus dh’fhàs i mòr gu ruig feachd nèimh, agus thilg i sìos cuid den fheachd agus de na reultan a‑chum an làir, agus shaltair i orra.

Seadh, rinn i uaill aisde fhèin an aghaidh prionnsa an fheachd, agus leatha thugadh air falbh an ìobairt làitheil, agus bha àite a naomh-ionaid air a thilgeadh sìos.

Agus thugadh feachd dhi an aghaidh na h‑ìobairt làitheil do bhrìgh euceirt, agus thilg i sìos an fhìrinn a‑chum an làir; agus dhealbh i innleachdan, agus shoirbhich i.

Agus ann an aimsir dheireannaich an rìoghachd, nuair a bhios luchd an easaontais air an coileanadh, seasaidh suas rìgh aig am bi aghaidh bhorb, agus a thuigeas briathran dorcha.

Oir dhòirt iadsan fuil naomh agus fhàidhean, agus thug thusa dhaibh fuil ra h‑òl; oir is toillteanach iad.

Oir chuir Dia nan cridhe a thoil a choileanadh, agus a bhith a dh’aon chomhairle, agus an rìoghachd a thoirt don fhiadh-bheathach, gus an coileanar briathran Dhè.

Agus chunnaic mi a’ bhean air mhisg le fuil nan naomh, agus le fuil fianaisean Iosa: agus nuair a chunnaic mi i, ghabh mi iongantas le iongantas mòr.

Oir is fìor agus is cothromach a bhreitheanais; oir thug e breith air an strìopaich mhòir, a thruaill an talamh le a strìopachas, agus dhìol e fuil a sheirbhiseach fhèin air a làimh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan