Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 8:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ann an aimsir dheireannaich an rìoghachd, nuair a bhios luchd an easaontais air an coileanadh, seasaidh suas rìgh aig am bi aghaidh bhorb, agus a thuigeas briathran dorcha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Ach anns a’ cheathramh linn thig iad an seo air an ais: oir chan eil aingidheachd nan Amorach fhathast làn.

A thuigsinn gnàth-fhacail, agus eadar-mhìneachaidh; faclan nan daoine glice, agus am briathran dorcha.

Agus thig thu a‑nìos an aghaidh mo shluaigh-sa Israel, mar neul a dh’fhalach an fhearainn; tàrlaidh e anns na làithean deireannach, agus bheir mise thu an aghaidh m’fhearainn, a‑chum gun aithnich na cinnich mi, nuair a bhios mi air mo naomhachadh annadsa, O Ghog, fa chomhair an sùl.

An dèidh mòran làithean thigear gad amharc: anns na bliadhnachan deireannach thig thu don fhearann a thugadh air ais on chlaidheamh, a chruinnicheadh à mòran chinneach, an aghaidh slèibhtean Israeil, a bha fada fàs: ach thugadh a‑mach as na cinnich e, agus gabhaidh iadsan uile còmhnaidh ann an tèarainteachd.

A‑nis tha mi air teachd a thoirt ort a thuigsinn ciod a thachras dod shluagh anns na làithean deireannach: oir tha an sealladh fhathast rè mòran làithean.

Agus na àite-san seasaidh suas neach suarach do nach toir iad onair na rìoghachd: ach thig e a‑steach gu sìochail, agus gheibh e an rìoghachd le miodal.

Thèid e a‑steach gu sìochail eadhon air na h‑ionadan as fheàrr den mhòr-roinn, agus nì e an nì nach do rinn a athraichean, no athraichean a athraichean; sgapaidh e nam measg a’ chreach, agus a chobhartach, agus an saoibhreas: agus dealbhaidh e innleachdan an aghaidh nan daingnichean làidir, eadhon rè seal.

Dh’amhairc mi an sin, do bhrìgh guth nam briathran mòra a labhair an adharc: dh’amhairc mi gus an do mharbhadh am beathach, gus an robh a chorp air a sgrios, agus air a thoirt don lasair loisgich.

Fòs air seadh nan deich adhaircean a bha na cheann, agus na tè eile a thàinig a‑nìos agus ron do thuit trì, eadhon na h‑adhairc sin aig an robh sùilean, agus beul a labhair nithean ro‑mhòr, aig an robh sealladh na bu chruadalaiche na càch.

Agus labhraidh e briathran an aghaidh an Tì as àirde, agus claoidhidh e naoimh an Tì as àirde, agus bidh dùil aige aimsirean agus reachdan a chaochladh: agus bheirear iad da làimh gu aimsir, agus aimsirean, agus roinn aimsir.

Thug mi fa‑near na h‑adhaircean, agus, feuch, thàinig a‑nìos nam measg adharc bheag eile, ron robh trì de na ciad adhaircean air an spìonadh a‑nìos as am freumhan: agus, feuch, anns an adhairc seo bha sùilean mar shùilean duine, agus beul a’ labhairt nithean mòra.

A‑nis, air dha sin briseadh, mar a sheas ceithir suas na àite, seasaidh ceithir rìoghachdan suas as a’ chinneach, ach chan ann na neart-san.

Agus bidh a neart cumhachdach, ach chan ann le a threise fhèin: agus sgriosaidh e gu h‑iongantach, agus soirbhichidh leis, agus bheir e gu crìch, agus millidh e na cumhachdaich agus an sluagh naomh.

Agus le a sheòltachd fòs bheir e air ceilg soirbheachadh na làimh; agus nì e uaill as fhèin na chridhe, agus le foill sgriosaidh e mòran: seasaidh e fòs suas an aghaidh Prionnsa nam prionnsachan, ach brisear e as eugmhais làimhe.

Agus thig longan o iomall Chitim, agus nì iad olc air Asur, agus nì iad olc air Eber, agus sgriosar esan mar an ceudna gu bràth.

Mar sin lìonaibh-se suas tomhas ur n‑athraichean.

Cinneach aig a bheil aghaidh bhorb, nach toir urram do ghnùis an aosmhoir, agus nach dèan iochd ris an òg:

A tha a’ bacadh dhuinne labhairt ris na Cinnich, a‑chum gum biodh iad air an tèarnadh, a‑chum sìor-lìonadh suas am peacaidhean: oir thàinig an fhearg orra mu dheireadh.

A‑nis tha an Spiorad ag ràdh gu soilleir, anns na h‑aimsirean deireannach gun trèig dream àraidh an creideamh, a’ toirt aire do spioradan mealltach, agus do theagasgan dheamhan;

Agus ghlacadh am fiadh-bheathach, agus maille ris-san am fàidh-brèige a rinn mìorbhailean na làthair, leis an do mheall e an dream a ghabh orra comharradh an fhiadh-bheathaich, agus iadsan a rinn adhradh da ìomhaigh. Thilgeadh iad sin nan dithis beò ann an loch teine a’ dearg-lasadh le pronnasg.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan