Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 8:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a’ ghobhar ribeach is e sin rìgh na Grèige; agus an adharc mhòr a tha eadar a shùilean, is e sin a’ chiad rìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt e, A bheil fhios agad carson a thàinig mi ad ionnsaigh? Agus a‑nis tillidh mi gu cogadh ri prionnsa Phersia: agus nuair a thèid mise a‑mach, feuch, thig prionnsa na Grèige.

Agus a‑nis foillsichidh mi dhut an fhìrinn: Feuch, seasaidh suas fhathast trì rìghrean ann am Persia; agus bidh an ceathramh nas beartaiche gu mòr na iad uile: agus le a chumhachd, trìd a bheartais, dùisgidh e suas na h‑uile an aghaidh rìoghachd na Grèige.

Agus seasaidh rìgh cumhachdach suas a riaghlas le tighearnas mòr, agus a nì a rèir a thoile fhèin.

Agus ann ad dhèidh-sa èiridh rìoghachd eile, nas lugha na thusa, agus treas rìoghachd eile de umha, aig am bi uachdaranachd os cionn an domhain uile.

Na dhèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, aon eile amhail liopard, aig an robh air a dhruim ceithir sgiathan eòin; bha aig a’ bheathach mar an ceudna ceithir cinn; agus thugadh dha uachdaranachd.

An reithe a chunnaic thu, aig an robh dà adhairc, is iad sin rìghrean Mhedia agus Phersia.

A‑nis, air dha sin briseadh, mar a sheas ceithir suas na àite, seasaidh ceithir rìoghachdan suas as a’ chinneach, ach chan ann na neart-san.

Oir lùb mi dhomh fhèin Iùdah, lìon mi am bogha le Ephraim; agus togaidh mi suas do mhic-sa, O Shioin, an aghaidh do mhac-sa, O Ghrèig, agus nì mi thu mar chlaidheamh duine cumhachdaich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan