Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 8:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis, am feadh a bha e a’ labhairt rium, bha mi ann an cadal trom, air m’aghaidh ris an talamh: ach bhean e dhomh, agus chuir e suas gu dìreach mi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a bha a’ ghrian a’ dol fodha, thuit cadal trom air Abram; agus, feuch, thuit uamhann dorchadais mhòir air.

Ann an smuaintean o aislingean na h‑oidhche, nuair a thuiteas cadal trom air daoine,

Agus chaidh an spiorad a‑steach annam nuair a labhair e rium, agus chuir e air mo chasan mi, ionnas gun cuala mi an tì a labhair rium.

Agus, feuch, bhean neach cosmhail ri samhladh mic dhaoine rim bhilean; an sin dh’fhosgail mi mo bheul, agus labhair mi, agus thubhairt mi ris-san a sheas fam chomhair, O mo thighearna, leis an t‑sealladh, tha m’àmhghar air tilleadh orm, agus thrèig mo neart mi.

An sin thàinig a‑rìs agus bhean rium neach cosmhail ri samhladh duine, agus neartaich e mi.

Agus thàinig e dlùth don àite anns an do sheas mi: agus nuair a thàinig e, bha eagal orm, agus thuit mi air m’aghaidh: ach thubhairt e rium, Tuig, O mhic an duine, oir anns an aimsir dheireannaich bidh an sealladh.

Agus ormsa Daniel thàinig fàiling, agus bha mi tinn car làithean àraidh; na dhèidh sin, dh’èirich mi suas, agus rinn mi gnothaichean an rìgh; agus bha uamhas orm mun aisling, ged nach tug aon neach sin fa‑near.

Agus thàinig an t‑aingeal a labhair rium a‑rìs, agus dhùisg e mi, mar dhuine air a dhùsgadh as a chadal.

Agus air dha èirigh o ùrnaigh, thàinig e a‑chum a dheisciobal, agus fhuair e nan cadal iad tro thùirse,

Ach bha Peadar, agus iadsan a bha maille ris, trom nan cadal: agus nuair a dhùisg iad, chunnaic iad a ghlòir, agus an dithis fhear a bha nan seasamh maille ris.

Agus a‑nis tha mi am sheasamh fo bhreitheanas airson dòchas a’ gheallaidh a rinneadh le Dia dar n‑athraichean:

Agus nuair a chunnaic mi e, thuit mi sìos aig a chasan an riochd mairbh: agus chuir e a làmh dheas orm, ag ràdh rium, Na biodh eagal ort: is mise an ciad neach agus an neach deireannach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan