Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 8:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thugadh feachd dhi an aghaidh na h‑ìobairt làitheil do bhrìgh euceirt, agus thilg i sìos an fhìrinn a‑chum an làir; agus dhealbh i innleachdan, agus shoirbhich i.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Sìochail bidh pàilleanan chreachadairean; agus tèarainte bidh iadsan a bhrosnaicheas Dia; don tug Dia nì nan làimh.

Is ceartas sìorraidh do cheartas-sa, agus is fìrinn do lagh.

Agus na buin facal na fìrinn gu h‑iomlan as mo bheul, oir ann ad bhreitheanais chuir mi mo dhòchas.

A chionn nach toir iad an aire do ghnìomharan an Tighearna no do obair a làmh, sgriosaidh e iad agus cha tog e suas iad.

Agus tha breitheanas air tilleadh air ais, agus tha ceartas a’ seasamh fad as; oir thuislich an fhìrinn air an t‑sràid, agus cha b’urrainn ionracas teachd a‑steach.

Is ceart thusa, O Thighearna, nuair a thagras mi riut: gidheadh, ceadaich dhomh labhairt riut mu thimcheall do bhreitheanais. Carson a tha slighe nan droch dhaoine a’ soirbheachadh? Carson a tha iadsan uile suaimhneach a tha ro‑aingidh?

An sin tillidh esan gu a dhùthaich le saoibhreas mòr; agus bidh a chridhe an aghaidh a’ choicheangail naoimh: agus an dèidh seo a dhèanamh, tillidh e gu a thìr fhèin.

Dh’amhairc mi, agus rinn an adharc cheudna cogadh ris na naoimh, agus bhuadhaich i nan aghaidh;

Chunnaic mi an reithe a’ purradh le a adhaircean an iar, agus mu thuath, agus mu dheas; air chor is nach faodadh beathach air bith seasamh fa chomhair, cha mhò a bha neach ann a b’urrainn saoradh as a làimh, ach rinn e a rèir a thoile, agus dh’fhàs e mòr.

Agus thugadh dha cogadh a dhèanamh an aghaidh nan naomh, agus buaidh a thoirt orra: agus thugadh dha cumhachd os cionn gach uile threubh, agus theangaidh, agus chinnich.

Agus bha fhios aig Daibhidh gu robh Saul gu diamhair a’ dealbhadh uilc na aghaidh; agus thubhairt e ri Abiatar an sagart, Thoir an seo an èphod.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan