Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 8:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’fhàs i mòr gu ruig feachd nèimh, agus thilg i sìos cuid den fheachd agus de na reultan a‑chum an làir, agus shaltair i orra.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Is ann a thubhairt thu ann ad chridhe, Thèid mi suas a‑chum nan nèamhan, os cionn reultan Dhè àrdaichidh mi mo rìgh-chathair; agus suidhidh mi air sliabh a’ cho-chruinneachaidh, air taobh na h‑àird a tuath.

Cuir air mhisg e; a chionn gun do thog e suas e fhèin an aghaidh an Tighearna; seadh, nì Mòab e fhèin aonairt na sgeith fhèin, agus bidh e mar an ceudna na bhall-fanaid.

An sin tillidh esan gu a dhùthaich le saoibhreas mòr; agus bidh a chridhe an aghaidh a’ choicheangail naoimh: agus an dèidh seo a dhèanamh, tillidh e gu a thìr fhèin.

Oir thig longan Chitim na aghaidh: air an adhbhar sin bidh doilgheas air, agus tillidh e, agus bidh fearg air an aghaidh a’ choicheangail naoimh: mar sin nì e; eadhon tillidh e, agus cumaidh e bàidh riùsan a thrèigeas an coicheangal naomh.

Na dhèidh seo chunnaic mi ann an aislingean na h‑oidhche, agus feuch, ceathramh beathach; eagalach agus uamhasach, agus ro‑làidir; agus bha fiaclan mòra iarainn aige: shluig e suas agus bhris e ann am bloighdean, agus shaltair e am fuidheall le a chasan; agus bha e eu‑cosmhail ris na h‑uile bheathaichean a bha roimhe; agus bha deich adhaircean air.

Agus chunnaic mi e a’ teachd teann air an reithe, agus dhùisg a fhearg na aghaidh, agus bhuail e an reithe, agus bhris e a dhà adhairc; agus cha robh cumhachd air bith aig an reithe gu seasamh roimhe, ach thilg e sìos a‑chum an làir e, agus shaltair e air: agus cha robh neach air bith a b’urrainn an reithe a thèarnadh as a làimh.

Agus tharraing a earball an treas cuid de reultan nèimh, agus thilg e iad a‑chum na talmhainn; agus sheas an dràgon fa chomhair na mnà, a bha ullamh gu bhith air a h‑aisead, a‑chum a leanabh a shlugadh suas nuair a bheireadh i e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan