Agus thàrladh, anns an deicheamh-bliadhna-fichead, anns a’ cheathramh mìos, air a’ chòigeamh là den mhìos, air dhòmhsa a bhith am measg nam braighdean aig abhainn Chebair, gun d’fhosgladh na nèamhan, agus chunnaic mi taisbeanaidhean Dhè.
A‑thaobh nan ceathrar chloinne seo, thug Dia dhaibh eòlas agus tuigse anns a h‑uile fòghlam agus gliocas: agus bha tuigse aig Daniel anns na h‑uile sheallaidhean agus bhruadairean.
Agus chunnaic mise Daniel a‑mhàin an sealladh: oir chan fhaca na daoine a bha maille rium an sealladh: ach thuit crith mhòr orra, ionnas gun do theich iad gu iad fhèin fhalach.
Agus nuair a sheasas e suas, brisear a rìoghachd, agus roinnear i ri ceithir gaothan nèimh; agus chan ann da shliochd, no a rèir a thighearnais, leis an do riaghail e: oir bidh a rìoghachd air a spìonadh a‑nìos, eadhon airson muinntir eile a bharrachd orra seo.
Ann an ciad bhliadhna Bhelsasair rìgh Bhàbiloin, chunnaic Daniel bruadar, agus aisling a chinn air a leabaidh: an sin sgrìobh e am bruadar, agus dh’innis e suim nan nithean.
An seo bha crìoch na cùise. Air mo shon-sa Daniel, rinn mo smuaintean gu ro‑mhòr mo bhuaireadh, agus dh’atharraich mo ghnùis annam; ach ghlèidh mi a’ chùis ann am chridhe.
Agus thàrladh nuair a chunnaic mise, mise Daniel, an sealladh, agus a dh’iarr mi airson na brìgh, an sin feuch, sheas fam chomhair amhail coslas duine.
Agus chunnaic mi ann an aisling (agus thàrladh nuair a chunnaic mi, gu robh mi ann an Susan, an lùchairt, a tha ann am mòr-roinn Elaim), agus chunnaic mi ann an aisling, agus bha mi aig abhainn Ulai.
Anns a’ chiad bhliadhna de a linn-san, thuig mise Daniel, le leabhraichean, àireamh nam bliadhnachan mun tàinig facal an Tighearna gu Ieremiah am fàidh gun coileanadh e, deich agus trì-fichead bliadhna anns am biodh Ierusalem na làraichean.