Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 7:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Dh’amhairc mi gus an robh na rìgh-chathraichean air an suidheachadh, agus shuidh Aosda nan Làithean, aig an robh a thrusgan geal mar shneachd, agus falt a chinn mar olainn ghlain; a chathair-rìoghail mar lasair theine, a rothan mar theine loisgeach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

34 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt esan, Uime sin èisd thusa ri facal an Tighearna: Chunnaic mise an Tighearna na shuidhe air a rìgh-chathair, agus uile shlòigh nan nèamh nan seasamh làimh ris, air a làimh dheis agus air a làimh chlì.

A‑rìs thubhairt e, Uime sin èisdibh ri facal an Tighearna: Chunnaic mise an Tighearna na shuidhe air a rìgh-chathair, agus uile shlòigh nan nèamh nan seasamh air a làimh dheis agus air a làimh chlì.

De mhirr agus de alos agus de chasia, thèid fàile od thrusgan uile a‑mach à lùchairtean de fhiaclan elephant, leis an do chuireadh aoibhneas ort.

Mun do ghineadh na beanntan, agus mun do dhealbh thu an talamh agus an cruinne-cè, eadhon o bhithbhuantachd gu bithbhuantachd is tusa Dia.

Dhaingnicheadh do rìgh-chathair o chian; o shìorraidheachd tha thusa ann.

Anns a’ bhliadhna anns an d’fhuair rìgh Usiah bàs, chunnaic mi an Tighearna na shuidhe air cathair rìoghail, àrd agus togte suas; agus lìon iomall a thrusgain an teampall.

Oir rugadh dhuinne duine-cloinne, thugadh dhuinne mac; agus bidh an uachdaranachd air a ghualainn; agus goirear mar ainm dheth, Iongantach, Comhairliche, an Dia cumhachdach, an t‑Athair sìorraidh, Prionnsa na sìthe.

Agus cuiridh mi mo rìgh-chathair ann an Elam, agus sgriosaidh mi as a sin an rìgh agus na ceannardan, deir an Tighearna.

Agus os cionn an speur, a bha thar an cinn, bha samhladh rìgh-chathrach, mar choslas clach saphir; agus air samhladh na rìgh-chathrach, bha taisbeanadh mar gum biodh coslas duine na shuidhe oirre.

Chunnaic mi ann an aislingean na h‑oidhche, agus, feuch, thàinig neach cosmhail ri mac an duine le neòil nèimh, agus thàinig e a‑chum Aosda nan Làithean, agus thug iad e dlùth na làthair.

Gus an tàinig Aosda nan Làithean, agus an tugadh breitheanas do naoimh an Tì as àirde: oir thàinig an t‑àm anns an do shealbhaich na naoimh an rìoghachd.

Agus thusa, a Bhetlehem-Ephratah, ged tha thu beag am measg mhìltean Iùdah, gidheadh asad thig a‑mach am ionnsaigh-sa neach a bhios na uachdaran air Israel; aig an robh a dhol a‑mach o shean, o làithean na sìorraidheachd.

Nach eil thusa o shìorraidheachd, O Thighearna, mo Dhia-sa, m’aon naomh? Cha bhàsaich sinn. O Thighearna, dh’òrdaich thu iadsan airson breitheanais; agus, O Dhè chumhachdaich, dhaingnich thu iad airson smachdachaidh.

Agus dh’atharraicheadh a chruth nan làthair; agus dhealraich a aghaidh mar a’ ghrian, agus rinneadh a aodach geal mar an solas.

Agus bha a ghnùis mar dhealanach, agus a aodach geal mar shneachd.

Agus rinneadh a aodach dealrach, ro‑gheal mar an sneachd: air mhodh nach robh e an comas do ghlanadair-aodaich sam bith air talamh a ghealachadh.

Air an adhbhar sin air dha a bhith na fhàidh, agus fiosrach gun do mhionnaich Dia le mionnan dha, de thoradh a leasraidh, a rèir na feòla, gun togadh e suas Crìosd, gu suidhe air a rìgh-chathair-san:

Uime sin, air dha a bhith air àrdachadh le deaslàimh Dhè, agus gealladh an Spioraid Naoimh fhaotainn on Athair, dhòirt e a‑mach an nì seo, a tha sibhse a‑nis a’ faicinn agus a’ cluinntinn.

Agus gum faighear annsan mi, gun m’fhìreantachd fhèin agam a tha on lagh, ach an fhìreantachd sin a tha tre chreideamh Chrìosd, an fhìreantachd a tha o Dhia tre chreideamh:

Neach na aonar aig a bheil neo-bhàsmhorachd, a tha na chòmhnaidh anns an t‑solas a dh’ionnsaigh nach faodar teachd; neach nach faca duine sam bith, agus nach mò a dh’fhaodas e fhaicinn: dhàsan gu robh urram agus cumhachd sìorraidh. Amen.

Agus is i seo an teachdaireachd a chuala sinn uaithesan, agus a tha sinn a’ cur an cèill dhuibhse, gur solas Dia, agus nach eil dorchadas air bith annsan.

Bha a cheann agus a fhalt geal mar olainn ghil, mar shneachd; agus a shùilean mar lasair theine;

A‑chum gun ith sibh feòil rìghrean, agus feòil àrd-cheannard, agus feòil dhaoine cumhachdach, agus feòil each agus na muinntir a shuidheas orra, agus feòil nan uile dhaoine, araon saor agus daor, araon beag agus mòr.

Agus chunnaic mi rìgh-chathraichean, agus shuidh iad orra, agus thugadh breitheanas dhaibh: agus chunnaic mi anaman na muinntir den do chuireadh an cinn airson fianais Iosa, agus facal Dhè, agus nach do rinn adhradh don fhiadh-bheathach, no da ìomhaigh, agus nach do ghabh a chomharradh air clàr an aodainn, no air an làmhan; agus bha iad beò, agus rìoghaich iad maille ri Crìosd rè mìle bliadhna.

Agus air ball bha mi anns an Spiorad: agus, feuch, bha rìgh-chathair air a suidheachadh air nèamh, agus bha neach na shuidhe air an rìgh-chathair.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan