Na dhèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, aon eile amhail liopard, aig an robh air a dhruim ceithir sgiathan eòin; bha aig a’ bheathach mar an ceudna ceithir cinn; agus thugadh dha uachdaranachd.
Agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Thàinig fìor-eun mòr le sgiathan mòra, agus le altan làidir, làn de chlùmhach, air an robh dathan eug-samhail, gu Lebanon, agus ghabh e am meangan a b’àirde den t‑seudar.
An sin thubhairt e, A bheil fhios agad carson a thàinig mi ad ionnsaigh? Agus a‑nis tillidh mi gu cogadh ri prionnsa Phersia: agus nuair a thèid mise a‑mach, feuch, thig prionnsa na Grèige.
Bha a’ chiad aon cosmhail ri leòmhann, agus bha sgiathan iolaire aige: agus dh’amhairc mi gus an do spìonadh a sgiathan, agus thogadh suas on talamh e, agus thugadh air seasamh air a chasan mar dhuine, agus thugadh dha cridhe duine.
Agus feuch beathach eile, an dara aon, cosmhail ri math-ghamhainn, agus thog e suas e fhèin air aon taobh, agus bha aige trì aisnean na bheul, an taobh a‑staigh de a fhiaclan: agus thubhairt iad ris mar seo, Eirich, sluig mòran feòla.
Agus bu chosmhail am fiadh-bheathach a chunnaic mi ri liopard, agus bha a chasan mar chasan math-ghamhna, agus a bheul mar bheul leòmhainn: agus thug an dràgon a neart, agus a chathair, agus cumhachd mòr dha.