Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 7:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus feuch beathach eile, an dara aon, cosmhail ri math-ghamhainn, agus thog e suas e fhèin air aon taobh, agus bha aige trì aisnean na bheul, an taobh a‑staigh de a fhiaclan: agus thubhairt iad ris mar seo, Eirich, sluig mòran feòla.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus sheall e na dhèidh, agus chunnaic e iad, agus mhallaich e iad ann an ainm an Tighearna: agus thàinig dà mhath-ghamhainn bhoireann a‑mach as a’ choille, agus reub iad a dhà agus dà‑fhichead duine cloinne dhiubh.

Tachradh math-ghamhainn air call a cuileanan air duine nas luaithe na amadan na amaideachd.

O! uile bheathaichean na machrach thigibh a‑chum ithe; O! uile bheathaichean na frìthe!

Agus a‑nis foillsichidh mi dhut an fhìrinn: Feuch, seasaidh suas fhathast trì rìghrean ann am Persia; agus bidh an ceathramh nas beartaiche gu mòr na iad uile: agus le a chumhachd, trìd a bheartais, dùisgidh e suas na h‑uile an aghaidh rìoghachd na Grèige.

Agus ann ad dhèidh-sa èiridh rìoghachd eile, nas lugha na thusa, agus treas rìoghachd eile de umha, aig am bi uachdaranachd os cionn an domhain uile.

PERES, roinneadh do rìoghachd, agus thugadh i do na Mèdaich agus do na Persaich.

Bha a’ chiad aon cosmhail ri leòmhann, agus bha sgiathan iolaire aige: agus dh’amhairc mi gus an do spìonadh a sgiathan, agus thogadh suas on talamh e, agus thugadh air seasamh air a chasan mar dhuine, agus thugadh dha cridhe duine.

Na dhèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, aon eile amhail liopard, aig an robh air a dhruim ceithir sgiathan eòin; bha aig a’ bheathach mar an ceudna ceithir cinn; agus thugadh dha uachdaranachd.

Coinnichidh mi iad mar mhath-ghamhainn on do bhuineadh a cuileanan, agus reubaidh mi sgairt an cridhe; agus an sin sluigidh mi iad mar leòmhann boireann: nì fiadh-bheathach na machrach an reubadh.

Agus bu chosmhail am fiadh-bheathach a chunnaic mi ri liopard, agus bha a chasan mar chasan math-ghamhna, agus a bheul mar bheul leòmhainn: agus thug an dràgon a neart, agus a chathair, agus cumhachd mòr dha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan