Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 7:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bha a’ chiad aon cosmhail ri leòmhann, agus bha sgiathan iolaire aige: agus dh’amhairc mi gus an do spìonadh a sgiathan, agus thogadh suas on talamh e, agus thugadh air seasamh air a chasan mar dhuine, agus thugadh dha cridhe duine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Bha Saul agus Ionatan gràdhach agus taitneach nam beatha, agus nam bàs cha do sgaradh iad: bu luaithe iad na iolairean, bu treasa iad na leòmhainn.

Cia as ro‑lugha na sin an duine a tha na chnuimh; agus mac an duine a tha na chnuimh?

Cuir, a Thighearna, eagal orra, a‑chum gun aithnich na cinnich nach eil annta fhèin ach daoine. Selah.

Thrèig e, mar leòmhann, a gharaidh; oir rinneadh an cuid fearainn fàs, tro chorraich a’ mhillteir, agus tro dhian-theas a fheirge.

Feuch, mar neòil thig e a‑nìos; mar chuairt-ghaoith bidh a charbadan; is luaithe na iolairean a chuid each; mo thruaighe sinne, oir tha sinn creachte!

Thàinig an leòmhann a‑nìos o a dhoire, agus tha milltear nan cinneach air a thuras: dh’imich e a‑mach as àite a‑chum d’fhearann a dhèanamh na fhàsach; bidh do bhailtean air an sgrios, air chor is nach bi aon gan àiteachadh.

Oir mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, itealaichidh aon mar iolair, agus sgaoilidh e a sgiathan mar Mhòab.

Feuch, mar leòmhann thig e a‑nìos o ataireachd Iòrdain gu ionad-còmhnaidh nan cumhachdach. Gu deimhinn bheir mise fa‑near gu luath gu ruith e a‑nìos as a sin; agus cò e an gaisgeach taghte a chuireas mi os a chionn? Oir cò as cosmhail riumsa, no cò a chumas coinneamh rium, no càit a bheil am buachaille sin as urrainn seasamh ann am làthair?

Bu luaithe ar luchd-leanmhainn na iolairean nèimh; ruaig iad sinn air na slèibhtean, laigh iad am falach air ar son anns an fhàsach.

Agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Thàinig fìor-eun mòr le sgiathan mòra, agus le altan làidir, làn de chlùmhach, air an robh dathan eug-samhail, gu Lebanon, agus ghabh e am meangan a b’àirde den t‑seudar.

A mhic an duine, abair ri prionnsa Thìruis, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, a chionn gu bheil do chridhe air a thogail suas, agus gun dubhairt thu, Is dia mi, tha mi am shuidhe ann an cathair Dhè, ann am meadhon nan cuantan; gidheadh is duine thu, agus cha Dia, ged a chuir thu do chridhe mar chridhe Dhè.

An abair thu fhathast an làthair an tì a mharbhas thu, Is dia mi? Ach bidh tu ann ad dhuine, agus chan ann ad dhia, ann an làimh an tì a mharbhas thu.

Agus càit air bith a bheil clann nan daoine a’ gabhail còmhnaidh, beathaichean na machrach, agus eunlaith an adhair, thug e dod làimh-sa, agus rinn e uachdaran dhìot os an cionn uile: is tusa an ceann seo de òr.

Anns an àm sin fhèin thill mo thuigse thugam; agus a‑thaobh glòir mo rìoghachd, thill m’onair agus mo mhòrachd thugam; agus dh’iarr mo chomhairlichean agus mo thighearnan am ionnsaigh; agus bha mi air mo dhaingneachadh ann am rìoghachd, agus thugadh tuilleadh dhomh de mhòrachd òirdheirc.

A‑thaobh na cuid eile de na beathaichean, thugadh an uachdaranachd air falbh: gidheadh shìneadh am beatha, rè tamaill agus aimsir.

Agus feuch beathach eile, an dara aon, cosmhail ri math-ghamhainn, agus thog e suas e fhèin air aon taobh, agus bha aige trì aisnean na bheul, an taobh a‑staigh de a fhiaclan: agus thubhairt iad ris mar seo, Eirich, sluig mòran feòla.

Oir ge bè àite anns am bi a’ chairbh, is ann an sin a chruinnichear na h‑iolairean.

Bheir an Tighearna cinneach ad aghaidh o ionad fada o làimh, o iomall na talmhainn, mar an iolair air iteig: cinneach nach tuig thu an cainnt:

Agus bu chosmhail am fiadh-bheathach a chunnaic mi ri liopard, agus bha a chasan mar chasan math-ghamhna, agus a bheul mar bheul leòmhainn: agus thug an dràgon a neart, agus a chathair, agus cumhachd mòr dha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan