Daniel 7:23Am Bìoball Gàidhlig 1992Mar seo thubhairt e, Is e an ceathramh beathach an ceathramh rìoghachd a bhios air an talamh, a bhios eug-samhail o gach uile rìoghachd, agus a shluigeas suas an talamh uile, agus a shaltras sìos e, agus a bhriseas e na bhloighdean. Faic an caibideil |
Na dhèidh seo chunnaic mi ann an aislingean na h‑oidhche, agus feuch, ceathramh beathach; eagalach agus uamhasach, agus ro‑làidir; agus bha fiaclan mòra iarainn aige: shluig e suas agus bhris e ann am bloighdean, agus shaltair e am fuidheall le a chasan; agus bha e eu‑cosmhail ris na h‑uile bheathaichean a bha roimhe; agus bha deich adhaircean air.