Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 7:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Dh’amhairc mi, agus rinn an adharc cheudna cogadh ris na naoimh, agus bhuadhaich i nan aghaidh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus seasaidh làmhan air a thaobh, agus truaillidh iad naomh-ionad an neirt, agus bheir iad air falbh an ìobairt làitheil, agus suidhichidh iad a’ ghràinealachd a chuireas fàs.

Agus chuala mi an duine a bha sgeadaichte le lìon-aodach, a bha air uisgeachan na h‑aibhne, nuair a thog e suas a làmh dheas agus a làmh chlì gu nèamh, agus a mhionnaich e airsan a tha beò gu sìorraidh, gum bi e gu aimsir, agus aimsirean, agus leth aimsir: agus nuair a sguireas e de sgapadh feachd an t‑sluaigh naoimh, crìochnaichear na nithean seo uile.

Fòs air seadh nan deich adhaircean a bha na cheann, agus na tè eile a thàinig a‑nìos agus ron do thuit trì, eadhon na h‑adhairc sin aig an robh sùilean, agus beul a labhair nithean ro‑mhòr, aig an robh sealladh na bu chruadalaiche na càch.

Agus thugadh feachd dhi an aghaidh na h‑ìobairt làitheil do bhrìgh euceirt, agus thilg i sìos an fhìrinn a‑chum an làir; agus dhealbh i innleachdan, agus shoirbhich i.

Agus bidh a neart cumhachdach, ach chan ann le a threise fhèin: agus sgriosaidh e gu h‑iongantach, agus soirbhichidh leis, agus bheir e gu crìch, agus millidh e na cumhachdaich agus an sluagh naomh.

Agus a‑mach as aon dhiubh thàinig adharc bheag, a dh’fhàs anabarrach mòr, ris an àird a deas, agus ris an àird an ear, agus ris an tìr thaitnich.

Nì iad seo cogadh an aghaidh an Uain, agus bheir an t‑Uan buaidh orra: oir is esan Tighearna nan tighearnan, agus rìgh nan rìgh; agus tha an dream a tha maille ris air an gairm, agus air an taghadh, agus dìleas.

Agus chunnaic mi a’ bhean air mhisg le fuil nan naomh, agus le fuil fianaisean Iosa: agus nuair a chunnaic mi i, ghabh mi iongantas le iongantas mòr.

Agus chunnaic mi am fiadh-bheathach, agus rìghrean na talmhainn, agus an armailtean air an cruinneachadh, a dhèanamh cogaidh an aghaidh an Tì a bha na shuidhe air an each, agus an aghaidh a armailt-san.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan