Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 7:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach glacaidh naoimh an Tì as àirde an rìoghachd, agus sealbhaichidh iad an rìoghachd gu sìorraidh, eadhon gu saoghal nan saoghal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

An àite d’athraichean bidh do mhic; nì thu iad nan uachdarain air an talamh uile.

Mar chaoraich cuirear iad anns an uaigh; ithidh am bàs iad, agus bidh uachdaranachd aig na fìreanan os an cionn anns a’ mhadainn; seargaidh an dreach as anns an uaigh, an ionad-còmhnaidh.

Agus gabhaidh na cinnich iad, agus bheir iad gu an àite fhèin iad, agus dealbhaichidh taigh Israeil iad ann am fearann an Tighearna, mar òglaich agus mar bhanoglaich; agus nì iad braighdean dhiubhsan aig an robh iad nam braighdean; agus riaghlaidh iad os cionn na muinntir a bha gan sàrachadh.

Agus thugadh dha uachdaranachd, agus glòir, agus rìoghachd, a‑chum gun tugadh na h‑uile shlòigh, chinnich agus theangannan seirbhis dha: a uachdaranachd is uachdaranachd shìorraidh i, nach siubhail thairis, agus a rìoghachd cha sgriosar i.

Na ceithir beathaichean mòra seo, is ceithir rìghrean iad, a dh’èireas a‑mach as an talamh.

Gus an tàinig Aosda nan Làithean, agus an tugadh breitheanas do naoimh an Tì as àirde: oir thàinig an t‑àm anns an do shealbhaich na naoimh an rìoghachd.

Agus labhraidh e briathran an aghaidh an Tì as àirde, agus claoidhidh e naoimh an Tì as àirde, agus bidh dùil aige aimsirean agus reachdan a chaochladh: agus bheirear iad da làimh gu aimsir, agus aimsirean, agus roinn aimsir.

Agus bheirear an rìoghachd agus an uachdaranachd, agus mòrachd na rìoghachd fo nèamh uile, do mhuinntir naomh an Tì as ro‑àirde, aig a bheil a rìoghachd na rìoghachd shìorraidh, agus bheir na h‑uile thighearnais ùmhlachd agus gèill dha.

Ach air sliabh Shioin bidh saorsa, agus bidh naomhachd: agus sealbhaichidh taigh Iàcoib an sealbh fhèin.

Agus bidh e na Rìgh air taigh Iàcoib gu bràth, agus cha bhi crìoch air a rìoghachd.

Nach eil fhios agaibh gun toir na naoimh breith air an t‑saoghal? Agus ma bheirear breith air an t‑saoghal leibhse, an e nach fiù sibh a bhith nur britheamhan air na cùisean as lugha?

Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a bheannaich sinne leis gach uile bheannachadh spioradail ann an ionadan nèamhaidh ann an Crìosd;

Oir chan eil sinn a’ gleac ri fuil agus feòil, ach ri uachdaranachdan, ri cumhachdan, ri riaghlairean dorchadas an t‑saoghail seo, ri aingidheachd spioradail ann an ionadan àrda.

Agus chunnaic mi rìgh-chathraichean, agus shuidh iad orra, agus thugadh breitheanas dhaibh: agus chunnaic mi anaman na muinntir den do chuireadh an cinn airson fianais Iosa, agus facal Dhè, agus nach do rinn adhradh don fhiadh-bheathach, no da ìomhaigh, agus nach do ghabh a chomharradh air clàr an aodainn, no air an làmhan; agus bha iad beò, agus rìoghaich iad maille ri Crìosd rè mìle bliadhna.

Agus cha bhi oidhche an sin, agus chan eil feum aca air coinnil, no air solas na grèine: oir bheir an Tighearna Dia solas dhaibh: agus rìoghaichidh iad gu saoghal nan saoghal.

Don tì a bhuadhaicheas bheir mi comas suidhe maille riumsa air mo rìgh-chathair, amhail fòs a bhuadhaich mise, agus a shuidh mi maille rim Athair air a rìgh-chathair-san.

Agus gun do rinn thu rìghrean dhinn agus sagartan dar Dia: agus rìghichidh sinn air an talamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan