Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 7:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thàinig mi am fagas do aon dhiubhsan a sheas dlùth, agus dh’fheòraich mi dheth brìgh an iomlain dheth seo: an sin dh’innis e dhomh, agus thug e fios dhomh air brìgh nan nithean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Bhrùchd sruth teinnteach, agus thàinig e a‑mach o an làthair: bha mìle de mhìltean a’ frithealadh dha, agus sheas deich mìle uair deich mìle na fhianais: shuidhicheadh am breitheanas, agus dh’fhosgladh na leabhraichean.

Na ceithir beathaichean mòra seo, is ceithir rìghrean iad, a dh’èireas a‑mach as an talamh.

Agus thàinig e dlùth don àite anns an do sheas mi: agus nuair a thàinig e, bha eagal orm, agus thuit mi air m’aghaidh: ach thubhairt e rium, Tuig, O mhic an duine, oir anns an aimsir dheireannaich bidh an sealladh.

Agus thug e fios dhomh, agus labhair e rium, agus thubhairt e, O Dhanieil, tha mise a‑nis air teachd a‑mach a thoirt dhut gliocais agus tuigse.

Agus thubhairt mi ris an aingeal a bha a’ labhairt rium, Ciod iad seo? Agus fhreagair esan mi, Is iad seo na h‑adhaircean a sgap Iùdah, Israel, agus Ierusalem.

Agus, feuch, chaidh an t‑aingeal a labhair rium a‑mach, agus chaidh aingeal eile a‑mach na chòdhail.

Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Ma ghluaiseas tu ann am shlighean-sa, agus ma choimheadas tu mo reachd, an sin bheir thu mar an ceudna breith air mo thaigh, agus gleidhidh tu fòs mo chùirtean; agus bheir mi dhut àiteachan-coiseachd am measg na muinntir seo nan seasamh leat.

Agus thubhairt aon de na seanairean rium, Na guil: feuch, bhuadhaich an Leòmhann a tha de threubh Iùdah, Freumh Dhaibhidh, air an leabhar fhosgladh, agus a sheachd seulachan fhuasgladh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan