Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 7:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bhrùchd sruth teinnteach, agus thàinig e a‑mach o an làthair: bha mìle de mhìltean a’ frithealadh dha, agus sheas deich mìle uair deich mìle na fhianais: shuidhicheadh am breitheanas, agus dh’fhosgladh na leabhraichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt esan, Uime sin èisd thusa ri facal an Tighearna: Chunnaic mise an Tighearna na shuidhe air a rìgh-chathair, agus uile shlòigh nan nèamh nan seasamh làimh ris, air a làimh dheis agus air a làimh chlì.

A‑rìs thubhairt e, Uime sin èisdibh ri facal an Tighearna: Chunnaic mise an Tighearna na shuidhe air a rìgh-chathair, agus uile shlòigh nan nèamh nan seasamh air a làimh dheis agus air a làimh chlì.

A bheil àireamh air bith air a shlòigh? Agus cò air nach èirich a sholas?

Beannaichibh an Tighearna, a shlòigh uile, sibhse a luchd-frithealaidh a tha a’ dèanamh a thoile.

Chaidh deatach suas as a shròin, agus dhian-loisg teine as a bheul; lasadh èibhlean leis.

Thig ar Dia-ne, agus cha bhi e na thosd; ro a ghnùis lasaidh teine millteach, agus mun cuairt air bidh doineann mhòr.

Tha carbadan Dhè nam fichead mìle, le mìltean de mhìltean aingeal; tha an Tighearna nam measg, mar ann an Sinài, anns an ionad naomh.

Feuch, tha ainm an Tighearna a’ teachd o chèin, a’ losgadh le fheirg, agus an eallach trom; tha a bhilean air an lìonadh le corraich, agus a theanga mar theine caithteach.

Oir dh’ullaicheadh Tophet o shean; eadhon airson an rìgh tha sin air ullachadh; rinn e domhain e, rinn e farsaing e; cruach theine agus mòran connaidh; tha anail an Tighearna, mar shruth pronnaisg, ga fhadadh.

Agus anns an àm sin seasaidh Mìchael suas, am prionnsa mòr a tha a’ seasamh airson clann do shluaigh-sa; agus bidh aimsir carraid ann, mar nach robh riamh o bha cinneach ann, gus an uair sin fhèin: agus anns an àm sin saorar do shluagh-sa, gach aon a gheibhear sgrìobhte anns an leabhar.

Gus an tàinig Aosda nan Làithean, agus an tugadh breitheanas do naoimh an Tì as àirde: oir thàinig an t‑àm anns an do shealbhaich na naoimh an rìoghachd.

Agus suidhidh am breitheanas, agus bheir iad air falbh a thighearnas, gu a chaitheamh, agus gu a sgrios gu ruig a’ chrìoch.

Agus teichidh sibhse rathad gleann nan sliabh: oir ruigidh gleann nan sliabh gu Asal: seadh, teichidh sibh mar a theich sibh ron chrith-thalmhainn, ann an làithean Usiah rìgh Iùdah: agus thig an Tighearna mo Dhia-sa, agus a naoimh uile maille ris.

Nuair a thig Mac an Duine na ghlòir, agus na h‑ainglean naomha uile maille ris, an sin suidhidh e air cathair rìoghail a ghlòire:

Agus thubhairt e, Thàinig an Tighearna o Shinài, agus dh’èirich e suas dhaibh o Sheir; dhealraich e a‑mach o shliabh Pharain, agus thàinig e le deich mìle de naoimh: o a dheas làimh chaidh lagh teine a‑mach dhaibh.

Nach spioradan-frithealaidh iad uile, air an cur a‑mach a‑chum frithealaidh dhaibhsan a bhios nan oighreachan air slàinte?

Ach tha sibh air teachd gu sliabh Shioin, agus gu cathair an Dè bheò, an Ierusalem nèamhaidh, agus cuideachd do‑àireamh de ainglean,

Agus rinn Enoch mar an ceudna, an seachdamh pearsa o Adhamh, fàidheadaireachd umpa seo, ag ràdh, Feuch, tha an Tighearna a’ teachd le deich mìle de a naoimh,

Agus bha fearg air na cinnich, agus thàinig d’fhearg-sa, agus àm nam marbh gun tugte breith orra, agus gun tugadh tusa duais dod sheirbhisich na fàidhean, agus do na naoimh, agus dhaibhsan air a bheil eagal d’ainme, do na big agus do na mòir, agus gun sgriosadh tu iadsan a sgriosas an talamh.

Agus dh’amhairc mi, agus chuala mi guth mòran aingeal timcheall na rìgh-chathrach, agus nam beò-chreutairean, agus nan seanairean; agus b’e an àireamh deich mìle uair deich mìle, agus mìltean de mhìltean:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan