Daniel 7:1Am Bìoball Gàidhlig 1992Ann an ciad bhliadhna Bhelsasair rìgh Bhàbiloin, chunnaic Daniel bruadar, agus aisling a chinn air a leabaidh: an sin sgrìobh e am bruadar, agus dh’innis e suim nan nithean. Faic an caibideil |
Na dhèidh seo chunnaic mi ann an aislingean na h‑oidhche, agus feuch, ceathramh beathach; eagalach agus uamhasach, agus ro‑làidir; agus bha fiaclan mòra iarainn aige: shluig e suas agus bhris e ann am bloighdean, agus shaltair e am fuidheall le a chasan; agus bha e eu‑cosmhail ris na h‑uile bheathaichean a bha roimhe; agus bha deich adhaircean air.