Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 6:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis, O rìgh, daingnich an t‑òrdagh agus seulaich an sgrìobhadh, a‑chum nach caochlaidhear e, a rèir reachd nam Mèdach agus nam Persach, nach fhaodar atharrachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Mas math leis an rìgh, thigeadh àithne rìoghail a‑mach uaithe, agus sgrìobhar i am measg laghannan nam Persianach agus nam Mèdach, a‑chum nach atharraichear i, Nach tig Bhasti nas mò an làthair an rìgh Ahasueruis, agus gun toir an rìgh a h‑inbhe rìoghail do mhnaoi eile as fheàrr na ise.

Agus ghairmeadh sgrìobhaichean an rìgh air an treas-là‑deug den chiad mhìos; agus sgrìobhadh, a rèir gach nì a dh’àithn Hàman, a‑chum àrd-luchd-riaghlaidh an rìgh, agus a‑chum nan uachdaran a bha os cionn gach mòr-roinne, agus a‑chum cinn-feadhna gach sluaigh, a‑chum gach mòr-roinne a rèir an sgrìobhaidh, agus a‑chum gach sluaigh a rèir an cànain: ann an ainm an rìgh Ahasuerus sgrìobhadh e agus sheulaicheadh e le fàinne an rìgh.

Agus sgrìobh e ann an ainm an rìgh Ahasuerus, agus sheulaich e le fàinne an rìgh, agus chuir e litrichean le làimh theachdairean air eich, a’ marcachd air eich luatha, agus air muileidean, sliochd nan capall;

Agus labhair Ester a‑rìs an làthair an rìgh, agus thuit i sìos aig a chasan, agus ghuil i, agus ghuidh i air gun cuireadh e air falbh olc Hàmain an t‑Agagach, agus a ais-innleachd a dhealbh e an aghaidh nan Iùdhach.

Sgrìobhaibh-se mar an ceudna airson nan Iùdhach, mar as math leibh, ann an ainm an rìgh, agus seulaichibh le fàinne an rìgh: oir an sgrìobhadh a sgrìobhar ann an ainm an rìgh, agus a sheulaichear le fàinne an rìgh, chan fhaodar a chur air ais.

Cruinnichidh iad le chèile an aghaidh anam an fhìrein, agus dìtidh iad fuil neochiontach.

Is truagh dhaibhsan a tha ag òrdachadh reachdan eucorach, na sgrìobhaichean a tha ag àithneadh fòirneirt;

PERES, roinneadh do rìoghachd, agus thugadh i do na Mèdaich agus do na Persaich.

An sin thàinig iad am fagas, agus labhair iad ann am fianais an rìgh mu thimcheall òrdagh an rìgh, Nach do sheulaich thusa reachd, gach duine sam bith a nì athchuinge ri aon dia no duine, an taobh a‑staigh de dheich-làithean-fichead, ach riutsa, O rìgh, gun tilgear ann an garaidh nan leòmhann e? Fhreagair an rìgh, agus thubhairt e, Tha an nì fìor a rèir reachd nam Mèdach agus nam Persach, nach atharraichear.

An sin chruinnich na daoine seo a‑chum an rìgh, agus thubhairt iad ris an rìgh, Biodh fhios agad, O rìgh, gur e lagh nam Mèdach agus nam Persach nach faodar òrdagh no reachd air bith a dhaingnich an rìgh a chaochladh.

Thèid nèamh agus talamh thairis, ach cha tèid mo bhriathran-sa thairis a‑chaoidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan