Daniel 6:7Am Bìoball Gàidhlig 1992Ghabh uile uachdarain na rìoghachd, an luchd-riaghlaidh, agus na prionnsachan, na comhairlichean agus na cinn-fheadhna, comhairle le chèile gu reachd rìoghail a dhaingneachadh, agus òrdagh làidir a dhèanamh, ge bè a dh’iarras athchuinge air bith air aon dia no duine rè deich-làithean-fichead, ach ortsa, O rìgh, gun tilgear e ann an garaidh nan leòmhann. Faic an caibideil |
An sin chuir Nebuchadnesar an rìgh fios a‑chum gun cruinnichte ri chèile na prionnsachan, na fir-riaghlaidh, agus na cinn-fheadhna, na britheamhan, luchd-coimhead an ionmhais, na comhairlichean, na fir-lagha, agus uile luchd-riaghlaidh nam mòr-roinn, gu teachd a‑chum coisrigeadh na h‑ìomhaigh a chuir Nebuchadnesar an rìgh suas.
Agus chunnaic na prionnsachan, na h‑uachdarain, agus na cinn-fheadhna, agus comhairlichean an rìgh, a bha cruinn an ceann a chèile, na daoine seo, nach robh cumhachd air bith aig an teine air an cuirp, cha mhò a bha fuiltean den ceann dàithte, no an còtaichean air an caochladh, no fàile an teine dhiubh.