Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 6:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin chruinnich na h‑uachdarain agus na prionnsachan seo ri chèile a‑chum an rìgh, agus thubhairt iad ris mar seo, A rìgh Dhariuis, mair beò gu bràth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt mi ris an rìgh, Gum maireadh an rìgh gu bràth: carson nach biodh mo ghnùis dubhach, nuair a tha am baile, àit-adhlacaidh m’athraichean, air fhàsachadh, agus a gheatachan air an caitheamh le teine?

Tha iad a’ cruinneachadh le chèile, tha iad gam falach fhèin; tha iad a’ toirt fa‑near mo cheuman nuair a tha iad a’ feitheamh airson m’anama.

Cia fhad a dhealbhas sibh aimhleas an aghaidh duine? Marbhar sibh uile; mar bhalla ag aomadh, mar ghàrradh air chrith bidh sibh.

An sin labhair na Caldèanaich ris an rìgh anns a’ chànain Shirianaich, O rìgh, mair beò gu bràth: innis dod sheirbhisich am bruadar, agus feuchaidh sinne a bhrìgh.

Labhair iad, agus thubhairt iad ris an rìgh Nebuchadnesar, O rìgh, mair beò gu bràth.

A‑nis thàinig a’ bhànrighinn airson briathran an rìgh agus a thighearnan a‑steach gu taigh na cuirme; agus labhair a’ bhànrighinn ag ràdh, O rìgh mair beò gu bràth: na dèanadh do smuaintean do bhuaireadh, agus na biodh do ghnùis air a caochladh.

An sin chruinnich na daoine seo, agus fhuair iad Daniel ri ùrnaigh, agus a’ dèanamh athchuinge ann an làthair a Dhè.

An sin thubhairt Daniel, O rìgh mair beò gu bràth.

Agus nuair a ghairmeadh a‑mach e, thòisich Tertullus air a chasaid, ag ràdh, Do bhrìgh gu bheil sinn tromhadsa a’ mealtainn mòr-shìth, agus gun do rinneadh iomadh deagh ghnìomh don chinneach seo tre do ghliocas-sa,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan