Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 6:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thubhairt a’ mhuinntir seo, Chan fhaigh sinn cùis air bith an aghaidh an Danieil seo, mura faigh sinn i na aghaidh a‑thaobh reachd a Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Hàman ri rìgh Ahasuerus, Tha sluagh àraidh ann air an sgaoileadh agus air an roinn am measg an t‑sluaigh ann an uile mhòr-roinnean do rìoghachd, agus tha laghan air leth aca seach gach sluagh, agus chan eil iad a’ coimhead laghan an rìgh; uime sin chan eil e airson leas an rìgh am fulang.

Bidh an droch dhuine ri faire air an fhìrean, agus iarraidh e a mharbhadh.

Agus iarraibh sìth na dùthcha gus an do chuir mise air falbh sibh ann am braighdeanas; agus guidhibh air a son ris an Tighearna: oir na sìth-se bidh sìth agaibhse.

Agus thubhairt e ri Daibhidh, Is tusa as fìrinniche na mise; oir dhìol thusa math dhòmhsa, ach dhìol mise olc dhutsa.

An sin thubhairt ceannardan nam Philisteach, Ciod a tha na h‑Eabhraidhich sin a’ dèanamh an seo? Agus thubhairt Achis ri ceannardan nam Philisteach, Nach e seo Daibhidh, seirbhiseach Shauil, rìgh Israeil, a bha maille riumsa na làithean seo, no na bliadhnachan seo, agus cha d’fhuair mi cron sam bith ann on là anns an tàinig e am ionnsaigh gus an là‑an‑diugh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan