Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 6:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin dh’iarr na h‑uachdarain agus na prionnsachan cùis fhaotainn an aghaidh Dhanieil a‑thaobh na rìoghachd, ach cha b’urrainn iad cùis air bith fhaotainn, no coire: do bhrìgh gu robh e dìleas, cha mhò a fhuaireadh mearachd no coire sam bith ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

32 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Phàraoh ra sheirbhisich, A bheil e an comas dhuinn a leithid seo de dhuine fhaotainn, anns a bheil spiorad Dhè?

Agus bha eagal air na daoine, a chionn gun tugadh iad do thaigh Iòseiph, agus thubhairt iad, Is ann airson an airgid, a chuireadh air ais nar saic a’ chiad uair, a thugadh a‑steach sinn; a‑chum gum faigh e cion-fàth nar n‑aghaidh, agus gun tuit e oirnn, agus gun gabh e sinn mar thràillean, agus ar n‑asail.

Is e fear na h‑euceirt gràinealachd nam fìrean: agus is e an tì a tha ceart na shlighe gràinealachd nan aingidh.

A‑rìs, dh’amhairc mi air gach uile shaothair agus gach uile obair cheirt, gur fàth farmaid do dhuine o a choimhearsnach i. Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus buaireadh spioraid.

An sin thubhairt iad, Thigibh, agus dealbhamaid innleachdan an aghaidh Ieremiah: oir cha bhàsaich an reachd on t‑sagart, no comhairle on eagnaidh, no am facal on fhàidh. Thigibh, agus buaileamaid e leis an teangaidh, agus na tugamaid aire do aon de a bhriathran.

Ach agadsa, O Thighearna, tha fhios air an innleachdan uile an aghaidh m’anama; na maith an cionta, agus na glan an lochd a‑mach à d’fhianais: ach tilgear iad thairis ann ad làthair; tionnsgain nan aghaidh ann an àm do chorraich.

Oir chuala mi tuairisgeul mhòrain, Uamhas air gach taobh aithrisibh-se, agus aithrisidh sinne e: tha iadsan uile ris an robh mi ann an sìth furachair airson mo thuislidh, ag ràdh, Theagamh gum meallar e, agus gum faigh sinn buaidh air, agus gun gabh sinn dìoghaltas dheth.

Agus iarraibh sìth na dùthcha gus an do chuir mise air falbh sibh ann am braighdeanas; agus guidhibh air a son ris an Tighearna: oir na sìth-se bidh sìth agaibhse.

Air an adhbhar sin, anns an àm sin thàinig Caldèanaich àraidh am fagas, agus rinn iad casaid air na h‑Iùdhaich.

Do bhrìgh gun d’fhuaireadh spiorad òirdheirc, agus eòlas, agus tuigse, mìneachadh bhruadar, agus foillseachadh cheistean cruaidhe, agus fuasgladh imcheistean, anns an Daniel seo fhèin, air an tug an rìgh mar ainm Beltesasar: a‑nis biodh Daniel air a ghairm, agus foillsichidh esan a bhrìgh.

Chuir mo Dhia-sa a‑nuas aingeal, agus dhruid e beòil nan leòmhann, air chor is nach do rinn iad mo dhochann: do bhrìgh na fhianais gun d’fhuaireadh neochiontas annam; agus fòs ad fhianais-sa, O rìgh, cha do rinn mi cron sam bith.

Agus ghabh iad comhairle le chèile a‑chum Iosa a ghlacadh le foill, agus a chur gu bàs.

Oir bha fhios aige gum b’ann o fharmad a thug iad thairis e.

Agus rinn iad geur-fhaire air, agus chuir iad a‑mach luchd-foille, a leigeadh orra fhèin a bhith nam fìreanan, a‑chum gun dèanadh iad greim air a fhacail, air chor is gun tugadh iad thairis e do chumhachd agus do ùghdarras an uachdarain.

Agus cha b’urrainn iad greim a dhèanamh air a bhriathran am fianais an t‑sluaigh: agus ghabh iad iongantas ra fhreagradh, agus dh’fhan iad nan tosd.

Agus bha na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean ag iarraidh cionnas a dh’fhaodadh iad esan a chur gu bàs; oir bha eagal an t‑sluaigh orra.

An sin chaidh Pilat a‑mach a‑rìs, agus thubhairt e riu, Feuch, tha mi ga thoirt a‑mach dur n‑ionnsaigh, a‑chum gum bi fhios agaibh nach eil mise a’ faotainn coire sam bith ann.

Ach an nì a tha mi a’ dèanamh, nì mi fhathast e, a‑chum gun toir mi air falbh cion-fàth uapasan lem bu mhiann cion-fàth fhaotainn, a‑chum anns an nì as a bheil iad a’ dèanamh uaill, gum faighear iad eadhon mar sinne.

A‑chum gum bi sibh neo-choireach, agus neo-chronail, nur cloinn do Dhia, neo-lochdach, am meadhon ginealaich fhiair agus chrosda, am measg a bheil sibhse a’ dealrachadh mar lòchrain-sholais an t‑saoghail;

Is àill leam uime sin na mnathan òga a phòsadh, iad a bhreith cloinne, a stiùradh an taighe, agus gun chion-fàth air bith a thoirt don eascaraid labhairt gu toibheumach.

Cainnt fhallain nach fhaodar a dhìteadh; a‑chum gum bi nàire air an neach a tha nur n‑aghaidh, a chionn nach eil droch nì sam bith aige ri labhairt umaibh.

Air dhuibh deagh chaitheamh-beatha a bhith agaibh am measg nan Cinneach; a‑chum an àite olc a labhairt umaibh mar luchd mì‑ghnìomh, gun dèan iad o ur deagh obraichean a chì iad, Dia a ghlòrachadh ann an là an fhiosrachaidh.

Air dhuibh deagh chogais a bhith agaibh: a‑chum, nuair a tha iad a’ labhairt uilc umaibh mar luchd mì‑ghnìomh, gun gabh iad nàire, a tha a’ toirt toibheim dur deagh chaitheamh-beatha ann an Crìosd.

Ach cha robh fhios aig a athair agus a mhàthair gum b’ann on Tighearna a bha e, gun d’iarr e fàth an aghaidh nam Philisteach: oir anns an àm sin bha uachdaranachd aig na Philistich os cionn Israeil.

Agus thubhairt iadsan, Cha do rinn thu foill oirnne, cha mhò a ghabh thu nì air bith o làimh aon duine.

Agus ghiùlain Daibhidh e fhèin gu glic na shlighean uile; agus bha an Tighearna maille ris.

An sin fhreagair Ahimelech an rìgh, agus thubhairt e, Agus cò am measg do sheirbhiseach uile a tha cho fìrinneach ri Daibhidh, a tha na chliamhainn aig an rìgh, agus a dh’imicheas air d’iarrtas, agus a tha urramach ann ad thaigh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan