Daniel 6:3Am Bìoball Gàidhlig 1992An sin bha Daniel seo air àrdachadh os cionn nan uachdaran, agus nam prionnsachan, a chionn gu robh spiorad òirdheirc ann; agus bha e an aire an rìgh a chur os cionn na rìoghachd uile. Faic an caibideil |
Ghlaodh an rìgh gu h‑àrd na speuradairean, na Caldèanaich, agus na fiosaichean, a thoirt a‑steach: agus labhair an rìgh, agus thubhairt e ri daoine glice Bhàbiloin, Cò air bith a leughas an sgrìobhadh seo, agus a dh’fhoillsicheas dhòmhsa a bhrìgh, sgeadaichear e le sgàrlaid, agus cuirear slabhraidh òir ma mhuineal, agus is e an treas fear-riaghlaidh a bhios anns an rìoghachd.