Daniel 6:2Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus os an cionn seo trì àrd-uachdarain (dem b’e Daniel a’ chiad aon), a‑chum gun tugadh na h‑uachdarain an cunntais dhaibh, agus nach biodh calldach air bith aig an rìgh. Faic an caibideil |
Agus chuala mi dod thaobh-sa gur urrainn thu brìgh a thoirt à nì, agus ceistean fhuasgladh; a‑nis mas urrainn thu an sgrìobhadh a leughadh, agus a bhrìgh fhoillseachadh dhòmhsa, èidichear thu le sgàrlaid, agus cuirear slabhraidh òir mud mhuineal, agus is tu an treas fear-riaghlaidh a bhios anns an rìoghachd.
Ghlaodh an rìgh gu h‑àrd na speuradairean, na Caldèanaich, agus na fiosaichean, a thoirt a‑steach: agus labhair an rìgh, agus thubhairt e ri daoine glice Bhàbiloin, Cò air bith a leughas an sgrìobhadh seo, agus a dh’fhoillsicheas dhòmhsa a bhrìgh, sgeadaichear e le sgàrlaid, agus cuirear slabhraidh òir ma mhuineal, agus is e an treas fear-riaghlaidh a bhios anns an rìoghachd.
Uime sin tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Thubhairt mi gu deimhinn gun gluaiseadh do thaigh-sa agus taigh d’athar am fhianais gu bràth: ach a‑nis tha an Tighearna ag ràdh, Guma fada sin uamsa; oir dhaibhsan a bheir urram dhòmhsa bheir mise urram, agus iadsan a nì tàir ormsa, is beag am meas a bhios dhiubh.