Daniel 6:16Am Bìoball Gàidhlig 1992An sin dh’àithn an rìgh, agus thug iad leo Daniel, agus thilg iad e do gharaidh nan leòmhann: agus labhair an rìgh ri Daniel, ag ràdh, Do Dhia, dom bheil thu a’ dèanamh seirbhis a‑ghnàth, nì esan do thèarnadh. Faic an caibideil |
A‑nis ma bhios sibh deas, ge bè air bith àm anns an cluinn sibh fuaim na trompaid, an fheadain, na clàrsaich, sacbuit, saltair, agus dulsimeir, agus gach uile sheòrsa ciùil, gu sleuchdadh sìos, agus adhradh a dhèanamh don ìomhaigh a rinn mise, is math: ach mura dèan sibh adhradh, tilgear sibh, anns a’ cheart uair sin, ann am buillsgean àmhainn theinntich, dhian-loisgich; agus cò an Dia sin as urrainn ur tèarnadh as mo làmhan-sa?
An sin labhair Nebuchadnesar, agus thubhairt e, Guma beannaichte gu robh Dia Shadraich, Mhesaich, agus Abed-nego, a chuir a‑nuas a aingeal, agus a shaor a òglaich a chuir an dòchas ann, agus a chuir an aghaidh facail an rìgh, agus a thug seachad an cuirp a‑chum nach tugadh iad seirbhis no adhradh do dhia air bith, ach an Dia fhèin.
Ghabh uile uachdarain na rìoghachd, an luchd-riaghlaidh, agus na prionnsachan, na comhairlichean agus na cinn-fheadhna, comhairle le chèile gu reachd rìoghail a dhaingneachadh, agus òrdagh làidir a dhèanamh, ge bè a dh’iarras athchuinge air bith air aon dia no duine rè deich-làithean-fichead, ach ortsa, O rìgh, gun tilgear e ann an garaidh nan leòmhann.