Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 6:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thàinig iad am fagas, agus labhair iad ann am fianais an rìgh mu thimcheall òrdagh an rìgh, Nach do sheulaich thusa reachd, gach duine sam bith a nì athchuinge ri aon dia no duine, an taobh a‑staigh de dheich-làithean-fichead, ach riutsa, O rìgh, gun tilgear ann an garaidh nan leòmhann e? Fhreagair an rìgh, agus thubhairt e, Tha an nì fìor a rèir reachd nam Mèdach agus nam Persach, nach atharraichear.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Mas math leis an rìgh, thigeadh àithne rìoghail a‑mach uaithe, agus sgrìobhar i am measg laghannan nam Persianach agus nam Mèdach, a‑chum nach atharraichear i, Nach tig Bhasti nas mò an làthair an rìgh Ahasueruis, agus gun toir an rìgh a h‑inbhe rìoghail do mhnaoi eile as fheàrr na ise.

An sin chruinnich na daoine seo a‑chum an rìgh, agus thubhairt iad ris an rìgh, Biodh fhios agad, O rìgh, gur e lagh nam Mèdach agus nam Persach nach faodar òrdagh no reachd air bith a dhaingnich an rìgh a chaochladh.

A‑nis, O rìgh, daingnich an t‑òrdagh agus seulaich an sgrìobhadh, a‑chum nach caochlaidhear e, a rèir reachd nam Mèdach agus nam Persach, nach fhaodar atharrachadh.

Agus nuair a chunnaic a maighistirean gun d’fhalbh dòchas am buannachd, rug iad air Pòl agus air Silas, agus tharraing iad don mhargadh iad, a‑chum nan uachdaran;

Neach air dha an àithne sin fhaotainn, a thilg iad don phrìosan a b’fhaide a‑staigh, agus a dhaingnich an casan anns a’ cheap.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan