Agus mar seo ma thilleas iad ad ionnsaigh-sa len uile chridhe, agus len uile anam, ann an tìr an naimhdean, a thug leo nam braighdean iad, agus ma nì iad ùrnaigh riutsa rathad an tìre fhèin, a thug thu dan athraichean, rathad a’ bhaile a roghnaich thu, agus an taighe a thog mi dod ainm;
Nì e feall-fhalach gu diamhair, mar leòmhann na gharaidh; nì e feall-fhalach a‑chum gun glac e an duine bochd; glacaidh e an duine bochd, ga tharraing na lìon.
An sin chruinnich na h‑uachdarain agus na prionnsachan seo ri chèile a‑chum an rìgh, agus thubhairt iad ris mar seo, A rìgh Dhariuis, mair beò gu bràth.