Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 5:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin bha an rìgh Belsasar gu mòr air a bhuaireadh, agus bha a ghnùis air a h‑atharrachadh, agus bha uamhas air a thighearnan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus chuir e a‑mach a shaighdean, agus sgap e iad, agus thilg e mòran tein-adhair, agus chlaoidh e iad.

Ghlac geilt-chrith iad an sin, pian mar phèin mnà ri saothair.

Feòraichibh a‑nis, agus feuchaibh am beir fireannach leanabh? Cuime am faic mi gach duine agus a làmhan air a leasraidh, mar mhnaoi ri saothair, agus tha gach uile aghaidh air fàs bàn?

Chuala sinn iomradh air seo: dh’fhàs ar làmhan lag: tha goimh air dèanamh greim oirnn; pian, amhail mnà ri saothair chloinne.

Air an adhbhar sin dh’fhàgadh mise ann am aonar, agus chunnaic mi an sealladh mòr seo, agus cha d’fhan cumhachd air bith annam, oir dh’atharraicheadh annam mo mhaise gu duaichneachd, agus cha do mhair neart annam.

Agus anns an dara bliadhna de linn Nebuchadnesair, bhruadair Nebuchadnesar bruadar, leis an robh a inntinn air a buaireadh, agus dhealaich a chadal ris.

An sin chaochail gnùis an rìgh, agus rinn a smuaintean a bhuaireadh, air chor is gu robh uilt a leasraidh air am fuasgladh, agus bhuail a ghlùinean an aghaidh a chèile.

Nuair a chuala Herod an rìgh sin, bha e fo thrioblaid, agus Ierusalem uile maille ris.

Agus dh’fhalaich rìghrean na talmhainn, agus na daoine mòra, agus na daoine saoibhir, agus na h‑àrd-cheannardan, agus na daoine cumhachdach, agus gach tràill, agus gach duine saor, iad fhèin ann an uaimhean agus ann an creagan nam beann;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan