Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 5:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin chaochail gnùis an rìgh, agus rinn a smuaintean a bhuaireadh, air chor is gu robh uilt a leasraidh air am fuasgladh, agus bhuail a ghlùinean an aghaidh a chèile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Mar uisge dhòirteadh a‑mach mi, agus sgàin mo chnàmhan uile o chèile; tha mo chridhe mar chèir, air leaghadh ann am meadhon mo chuim.

Dorchaichear an sùilean a‑chum nach faic iad; agus thoir air an leasraidh a‑ghnàth a bhith air chrith.

Neartaichibh-se na làmhan laga, agus daingnichibh na glùinean anfhann.

Cha bhi aon neach fann, agus cha bhi aon neach tuisleach nam measg; cha tig clò, cha tig cadal air aon dhiubh; chan fhuasglar crios an leasraidh, agus cha bhrisear barr-iall am bròg.

Chuala rìgh Bhàbiloin iomradh orra, agus dh’fhàs a làmhan lag: ghlac àmhghar e, goimh, amhail mnà ri saothair.

Agus tàrlaidh, nuair a their iad riut, Carson a tha thu ag osnaich? gum freagair thusa, Airson an sgeòil, a chionn gu bheil e a’ teachd: agus leaghaidh gach aon chridhe, agus bidh na h‑uile làmhan lag, agus gach aon spiorad fann, agus na h‑uile ghlùinean anfhann mar uisge: feuch tha e a’ teachd, agus bheirear e gu crìch, deir an Tighearna Dia.

Bidh na h‑uile làmhan lag, agus bidh na h‑uile ghlùinean anfhann mar uisge.

Agus anns an dara bliadhna de linn Nebuchadnesair, bhruadair Nebuchadnesar bruadar, leis an robh a inntinn air a buaireadh, agus dhealaich a chadal ris.

An sin bha Nebuchadnesar làn corraich, agus bha dreach a ghnùise air caochladh an aghaidh Shadraich, Mhesaich, agus Abed-nego; labhair agus dh’àithn e gun teasaicheadh iad an àmhainn seachd uairean na bu mhò na bu ghnàth leo a teasachadh.

An sin bha Daniel (dom b’ainm Beltesasar) air a lìonadh le uamhann car aon uaire, agus rinn a smuaintean a bhuaireadh: labhair an rìgh, agus thubhairt e, A Bheltesasair, na dèanadh am bruadar no a bhrìgh do bhuaireadh. Fhreagair Beltesasar, agus thubhairt e, Mo thighearna, biodh am bruadar dhaibhsan lem fuathach thu, agus a bhrìgh dod naimhdean.

Chunnaic mi bruadar a chuir eagal orm, agus rinn mo smuaintean air mo leabaidh, agus aislingean mo chinn mo bhuaireadh.

Anns an uair sin fhèin thàinig a‑mach meòir làmh duine, agus sgrìobh iad thall fa chomhair a’ choinnleir, air aghaidh balla lùchairt an rìgh; agus chunnaic an rìgh a’ chuid den làimh a sgrìobh.

An seo bha crìoch na cùise. Air mo shon-sa Daniel, rinn mo smuaintean gu ro‑mhòr mo bhuaireadh, agus dh’atharraich mo ghnùis annam; ach ghlèidh mi a’ chùis ann am chridhe.

Tha i falamh, agus faoin, agus fàs, agus tha an cridhe a’ leaghadh, agus na glùinean a’ bualadh air a chèile; agus tha mòran cràidh anns na h‑uile leasraidh; agus tha an aghaidhean gu lèir a’ tional dorchadais.

Uime sin, togaibh suas na làmhan a tha air tuiteam sìos, agus neartaichibh na glùinean laga;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan